Dìon an aghaidh ionnsaigh niùclasach
An Siostam DEW Line (Distance Early Warning Line)
B' e sreath de stèiseanan radar air feadh na leth-chruinne a tuath a bha an seo agus bha iad ann airson mothachadh do dh'ionnsaigh. Bhathas an dòchas gun toireadh sin ùine gu leòr dha na SA an ionnsaigh fhèin a chur gu dol.
Teòiridh Sgrios Cinnteach a Chèile (MAD: Mutually Assured Destruction)
Bha fios aig an dà thaobh nan toireadh taobh seach taobh ionnsaigh gun loisgeadh an taobh eile buill-airm niùclasach air ais mus buaileadh na h-urchraichean aca. Dhèanadh sin sgrios uabhasach air an dà dhùthaich agus air na caidrich aca. B' e am beachd a bh' ann gun cuireadh seo bacadh air an dà thaobh bho ionnsaigh a thoirt air a chèile.
Deireadh nan 1970an, bha siostaman Urchraichean Anti-bailistig (ABMs: Anti Ballistic Missile systems) aig an dà thaobh airson an aghaidh a thoirt air ICBMs.
Iomairt Dìon Ro-innleachdach (SDI: Strategic Defence Initiative)
Thug meadhanan nan SA an t-ainm Star Wars air. Ann an 1983, thuirt Ceann-suidhe Reagan sna SA gun robh iad a' dol a sgrùdadh an SDI. Bheireadh an iomairt seo comas dha na SA cur às do dh'urchraichean niùclasach bhon fhànas.
Bha an USSR a' faicinn sin mar chunnart mòr oir leigeadh e leis na SA a' Chiad Bhuille a choileanadh. Cha do thachair seo riamh air sgàth dìth airgid agus dìth teicneòlais.
Buaidh Rèis nam Ball-airm
Buaidh air airgead
Ann an 1953, bha na SA a' cosg $50 billean air rèis nam ball-airm agus bha an USSR a' cosg $25 billean. Bha na SA air na bha iad a' cosg a dhùblachadh gach bliadhna eadar 1949 agus 1953. Tha seo a' sealltainn an uallaich a bh' orra gum beireadh an USSR orra.
Dàimhean eadar-nàiseanta
Bha cùisean air fàs gu math teann air sgàth 's gun robh barrachd de chunnart ann bho sgrios niùclasach. B' e cho teann 's a bha cùisean pàirt dhen adhbhar airson Èiginn U2 (1960) agus Èiginn Urchraichean Chuba (1962).