Teachd-a-steachCòrr-ùine

Tha teachd-a-steach a' ciallachadh sùim pàighidh aontaichte 'son ùine aontaichte. Faodaidh teachd-a-steach cuideachd riadh bho chunntasan-sàbhalaidh, creideasan cìse is sochairean a ghabhail a-steach.

Part ofGnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas

Còrr-ùine

Gheibh thu pàigheadh a bharrachd le còrr-ùine. Mar as trice, bidh an reat san uair nas motha airson do bhrosnachadh gus còrr-ùine obrachadh.

Uair agus leth

Tha seo a' ciallachadh gum faigh thu an reat àbhaisteach san uair agus leth a bharrachd.

Ma tha thu a' cosnadh \(\pounds6\) san uair, gheibh thu \(\pounds6 + \pounds3 = \pounds9\) san uair le còrr-ùine.

Eisimpleir

Tha Haji ag obair \(38\) uairean san t-seachdain aig reat de \(\pounds3.80\) san uair.

Bidh e a' faighinn ùine agus leth airson gach uair a thìde a dh'obraicheas e thairis air \(38\) uairean.

Obraich a-mach pàigheadh iomlan Haji ann an seachdain san do dh'obraich e \(46\) uairean.

Freagairt

Pàigheadh bunaiteach \(= \pounds3.80 \times 38 = \pounds144.40\)

Còrr-ùine \(= 8\) uairean

Reat còrr-ùine \(= \pounds3.80 + \pounds1.90 = \pounds5.70\) (Seo an reat àbhaisteach agus leth an reat àbhaistich)

Pàigheadh còrr-ùine \(= \pounds5.70 \times 8 = \pounds45.60\)

Pàigheadh iomlan \(= \pounds144.40 + \pounds45.60 = \pounds190\)

Ùine dhùbailte

Tha seo a' ciallachadh gum faigh thu dà uiread a' phàighidh àbhaistich agad san uair.

Ma tha thu a' faighinn \(\pounds6\) san uair, gheibh thu \(\pounds6 + \pounds6 = \pounds12\) gach uair le còrr-ùine.

Question

Tha Gillian ag obair \(36\) uairean bunaiteach san t-seachdain aig reat de \(\pounds4.20\) san uair.

Tha i a' faighinn còrr-ùine airson gach uair a thìde a dh'obraicheas i thairis air \(36\) uairean.

Obraich a-mach pàigheadh iomlan Gillian airson seachdain nuair a dh'obraich i \(42\) uairean.