Teachd-a-steachCoimisean

Tha teachd-a-steach a' ciallachadh sùim pàighidh aontaichte 'son ùine aontaichte. Faodaidh teachd-a-steach cuideachd riadh bho chunntasan-sàbhalaidh, creideasan cìse is sochairean a ghabhail a-steach.

Part ofGnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas

Coimisean

Bidh luchd-reic air am pàigheadh le coimisean.

Mar as motha a reiceas iad, 's ann as motha a choisinneas iad.

Eisimpleir

Tha pàigheadh bunaiteach de \(\pounds80\) san t-seachdain aig Jim. Tha e a' faighinn coimisean de \(4\%\) air na reiceas e. Obraich a-mach a phàigheadh ann an seachdain nuair a bhios na reiceas e aig \(\pounds2500\).

Freagairt

Coimisean \(= 4\%\) de \(\pounds2500 = \pounds100\)

Pàigheadh \(= \pounds80 + \pounds100 = \pounds180\)

Question

Tha Anna a' faighinn coimisean de \(2.5\%\) air na reiceas i thar \(\pounds50\,000\) sa mhìos. Obraich a-mach an coimisean aice ann am mìos nuair a tha na reiceas i aig \(\pounds125\,000\).