Na rinn cuid de dh'Albannaich fa leth
Eilthirich Albannach ann an Sealan Nuadh
Peter Fraser
- Rinn e imrich à Baile Dhubhthaich a dh'Auckland ann an 1910.
- Bha e na neach-poilitigs cudromach agus chuidich e le bhith stèidheachadh Pàrtaidh Làbarach Shealain Nuaidh ann an 1916.
- Chaidh a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear ann an Sealan Nuadh ann an 1940.
Eilthirich Albannach ann an Astràilia
Robert McCracken
- Rinn e imrich à Girvan ann an 1940.
- Stèidhich e gnìomhachas grùdaireachd (a' dèanamh leann) ann am Melbourne ann an 1851.
- Bha e airson leann math a chruthachadh a' cleachdadh dhòighean-obrach saidheansail, agus bha fiù 's bith-cheimigear ag obair aige.
- Leudaich an gnìomhachas gu mòr sna 1970an agus ann an 1884 bha iad a' dèanamh mu 100,000 baraille sa bhliadhna.
Andrew Fisher
- Dh'fhalbh e à Crosshouse ann an Siorrachd Air ann an 1885.
- Bha e an sàs ann an obair mèinnidh an toiseach agus dh'fhàs e ainmeil sa chiad aonaidhean ciùirde ann an Astràilia.
- Aig toiseach an fhicheadamh linn, chaidh e an sàs ann am poilitigs agus chruthaich e am Pàrtaidh Làbarach. Bha e na Phrìomh Mhinistear ann an 1908 agus eadar 1910-13.
John Lang
- Rinn e imrich à Grianaig gu Sydney ann an 1822.
- Stèidhich e Eaglais Chlèireach ann an Sydney.
- Ann an 1832, dh'fhosgail e a' Cholaiste Astràilianach agus thug e tidsearan à Breatainn.
- Bhrosnaich e Pròstanaich à Breatainn gus a dhol a dh'Astràilia.
John MacArthur
- Rinn e imrich na shaighdear agus fhuair e obair ann am Botany Bay ann an 1789.
- Stèidhich e a' chiad tuathanachas a bh' aige, Elizabeth Farm, a chaidh ainmeachadh air a bhean agus tha e fhathast a' dol an-diugh.
- Thug e a-steach caoraich merino, agus ri linn sin b' e Astràilia an dùthaich a bu mhotha a bha a' dèanamh de chlòimh air an t-saoghal.