Na rinn cuid de dh'Albannaich fa leth
Eilthirich Albannach sna SA
Andrew Carnegie
- Rinn e fhèin 's a theaghlach eilthireachd à Dùn Phàrlain a Phennsylvania nuair a bha e 12.
- Stèidhich e companaidhean iarainn is stàilinn agus b' e mu dheireadh an duine a bu bheairtiche a bh' ann an Ameireaga.
- Bha e a' creidsinn gun robh foghlam cudromach, agus stèidhich e 3,000 leabharlann sna SA agus ann am Breatainn. Stèidhich e cuideachd ionadan rannsachaidh saidheansail sna SA.
- Nuair a chaochail e ann an 1919, bha e air $350 millean dhen airgead aige a thoirt seachad.
George Smith
- Ghluais e à Obar Dheathain a Chicago sna 1830an.
- Stèidhich e bancaichean ann a' Wisconsin agus ann an Illinois.
- Sna 1840an agus sna 1850an b' e am bancair a bu shoirbheachaile ann an sgìre Chicago.
Peter Donahue
- Rinn e imrich a Chalafòrnia ann an 1849.
- Stèidhich e obair iarainn agus obair gas faisg air San Francisco.
- Thog e Rèile San Francisco-San Jose ann an 1860 agus leag e bunaitean Rèile a' Chuain Shèimh san Iar-thuath sna 1870an.
Robert Dollar
- Rinn e imrich às an Eaglais Bhric ann an 1858, an toiseach a Chanada.
- Ann an 1888, bha e gu mòr an sàs ann an gnìomhachas an fhiodha ann an Calafòrnia.
- Sna 1890an chaidh e an sàs ann an gnìomhachas nam bàtaichean.
- Tràth sna 1900an chuir e gach gnìomhachas còmhla agus rinn e fortan a' cur fiodh dhan Ear Chèin.