Teachd-a-steachÀrachas Nàiseanta

'S e teachd-a-steach an t-airgead a bhios a' tighinn gu duine no gu buidheann. Tha teachd-a-steach gu lèir a' tighinn fo riaghailtean chìsean.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Àrachas Nàiseanta

Canaidh sinn Àrachas Nàiseanta ris an airgead a th' air a chruinneachadh bho thabhartasan a bhios luchd-obrach agus fastaidhearan a' pàigheadh às an tuarastal aca a dh'ionnsaigh cosgais cuid de shochairean stàite.

Eisimpleir

Feumaidh Ali Àrachas Nàiseanta a phàigheadh air tuarastal de \(\pounds23\,000\) sa bhliadhna. Tha reat Tabhartas Àrachas Nàiseanta aig \(12\%\). Dè dh'fheumas e a phàigheadh gach mìos?

Freagairt

\(12\%\;de\;23\,000 = \pounds2\,760\)

Ri phàigheadh gach mìos \( = 2760 \div 12 = \pounds230\)

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Feumaidh Brian Àrachas Nàiseanta a phàigheadh air tuarastal de \(\pounds19\,000\) sa bhliadhna. Tha reat Tabhartas Àrachas Nàiseanta aig \(12\%\). Dè dh'fheumas e a phàigheadh gach mìos?