Teachd-a-steachCìs aig reat nas àirde

'S e teachd-a-steach an t-airgead a bhios a' tighinn gu duine no gu buidheann. Tha teachd-a-steach gu lèir a' tighinn fo riaghailtean chìsean.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean ionmhasachd

Cìs aig reat nas àirde

Ma tha an t-sùim dhen phàigheadh air a bheil cìs ri pàigheadh nas motha na crìochan an reat-cìse stèidhichte, bidh a' chìs nas motha air an t-sùim a tha thar nan crìochan.

Eisimpleir

Tha Daibhidh a' cosnadh \(\pounds49\,000\) sa bhliadhna. Ann am bliadhna tha cuibhreann-cìse aige de \(\pounds10\,000\). Tha an reat-cìse aig \(20\%\) suas gu crìochan an tuarastail a tha cìs-bhuailteach agus sin \(\pounds32\,000\). Os cionn seo tha an reat-cìse aig \(40\%\).

Dè a' chìs a dh'fheumas Daibhidh a phàigheadh ann am bliadhna?

Freagairt

Tuarastal cìs-bhuailteach \(= 49\,000\,–\,10\,000 = \pounds39\,000\)

Tha \(\pounds32\,000\) dhen seo air a bheil cìs aig \(20\%\). \(\text{Cìs} = \pounds6\,400\)

Tha \(\pounds7000\) dhen seo air a bheil cìs aig \(40\%\). \(\text{Cìs} = \pounds2\,800\)

Cìs ri pàigheadh gu lèir \( = 6\,400 + 2\,800 = \pounds9\,200\)

Feuch na ceistean seo a-nis:

Question

Tha Karen a' cosnadh \(\pounds53\,000\) sa bhliadhna. Tha cuibhreann-cìse aice de \(\pounds10\,000\). Tha an reat-cìse aig \(20\%\) suas gu sùim cìs-bhuailteach de \(\pounds32\,000\). Os cionn seo tha an reat-cìse aig \(40\%\). Dè a' chìs a dh'fheumas Karen a phàigheadh ann am bliadhna?

Question

Tha Caroline a' cosnadh \(\pounds51\,500\) ann am bliadhna. Tha cuibhreann-cìse aice de \(\pounds10\,000\). Tha an reat-cìse aig \(20\%\) suas gu sùim cìs-bhuailteach de \(\pounds32\,000\). Os cionn seo tha an reat-cìse aig \(40\%\). Dè a' chìs a dh'fheumas Caroline a phàigheadh ann am mìos?