An t-Adhbhar Mòr agus taghadh Eideird

Iain Balliol
San t-Samhain 1292, an dèidh còrr is bliadhna de dh'argamaidean poilitigeach, thuirt Eideard I gu robh tagradh na b' fheàrr aig Iain Balliol a thaobh a' chrùin, agus bhon sin a-mach gum biodh e na rìgh air Alba. Chaidh Balliol a thaghadh oir:
- Bha an lagh ag ràdh gum biodh oighreachd a' dol sìos an loidhne chun an neach bu shine sa chraobh-teaghlaich.
- Bha Iain Balliol na ogha don nighean bu shine aig Daibhidh, Iarla Huntingdon.
- Bha Raibeart Brus de shliochd Dhaibhidh, Iarla Huntingdon, tron dara nighean aig an Iarla. Mar sin bha a' chiad chòir air a' chrùn aig Balliol, ro Bhrus.
Bhiodh briseadh-dùil ann do Raibeart Brus agus dha na Farpaisich eile. Bha mòran dhiubh à teaghlaichean uasal a bha a' farpais ris na Balliols. Mar sin, cha bhiodh e idir furasta do dh'Iain Balliol a bhith a' riaghladh na rìoghachd ùir aige, gu h-àraidh leis gun robh e mar-thà air gabhail ri Eideard I mar mhòr-uachdaran.