Freagairt na h-Alba – Cùmhnant Bhirgham

Rìgh Eideard I
Bha Eideard I Shasainn airson a bhith an sàs barrachd ann an cùisean Alba. Mar sin, mhol e dha na h-Urrasairean gum pòsadh Mairead a mhac, air an robh Eideard cuideachd.
Chaidh Cùmhnant Bhirgham a shoidhnigeadh ann an 1290. Thuirt aonta a' phòsaidh sin:
- Gum pòsadh mac Eideird I, a bhiodh na rìgh Eideard II, Maighdeann Nirribhidh.
- Gum biodh Alba fhathast na dùthaich neo-eisimeileach.
- Gum biodh gach co-dhùnadh a bha a' buntainn ri Alba ga dhèanamh ann an Alba.