Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

SgeulachdLeughadh

Tha mion-sgrùdadh is luachadh earrann leughaidh a’ gabhail a-steach smaoineachadh mu stoidhle na h-earrainn, am briathrachas, cò dha a chaidh a sgrìobhadh is do bheachd pearsanta oirre.

Part ofGàidhligLeughadh

Leughadh

Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean leughaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air litreachas.

Sgeulachd: Glacte

Bha mi air mo ghlacadh ann an solas làidir geal a bha a' deàrrsadh a-nuas orm. Cha b' e seo a' chiad turas a thachair e dhomh anns an t-saoghal san robh mi beò a-nis.

Bha mi air ionnsachadh gum b' e an rud a b' fheàrr a dhèanamh fuireach far an robh mi gus an d' rachadh sguab an t-solais seachad orm. An uair sin dh'fhaodainn mo shlighe a dhèanamh dhan taobh thall agus biadh fhaighinn dha mo chuideachd.

Bha agam ri seo a dhèanamh a h-uile oidhche. A-raoir chaidh deagh charaid dhomh a mharbhadh. Dh'fheuch e ri ghluasad a-mach às an t-solas, ach ged a rinn e sin chaidh a leagail gu làr. Tha a chorp ann an seo fhathast, beagan shlatan air falbh bhuam.

Sin an solas seachad a-nis. Feumaidh mi ruith. Bidh an ath sholas a' deàrrsadh an ceann mionaid no dhà. Tha a' bheatha seo làn de chunnartan. Chan eil càil a dh'fhios agad cuin a thig càr, ceithir cuibhlichean agus an uair sin chan eil dol às agad. 'S e beatha chunnartach a tha ann am beatha gràineig.

More guides on this topic