Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

NaidheachdanLeughadh

Tha mion-sgrùdadh is luachadh earrann leughaidh a’ gabhail a-steach smaoineachadh mu stoidhle na h-earrainn, na facail a thagh an t-ùghdar, cò dha a chaidh a sgrìobhadh is do bheachd fhèin oirre.

Part ofGàidhligLeughadh

Leughadh

Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean leughaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air na meadhanan.

Stiùidio rèidio
Image caption,
Stiùidio rèidio

Naidheachdan

Tha an Riaghaltas air aontachadh rannsachadh a chur air bhonn a thaobh rathad ùr timcheall Loch Liapaig. Bhathar a' gearan mu dhroch staid an rathaid airson fichead bliadhna.

Chaidh binn seachd bliadhna a chur air fear à Peairt an-diugh airson a bhith a' reic dhrogaichean ri clann-sgoile. Thuirt an Siorram gur e rud uabhasach a rinn an duine.

Tha crith-thalmhainn ùr air a bhith ann an Sìona. Seo an dàrna tè an t-seachdain seo.

Ann an saoghal spòrs - choisinn an cluicheadair teanais ainmeil Anndra Moireasdan a' chiad duais ann an co-fharpais anns na Stàitean Aonaichte an-dè. Seo an treasamh co-fharpais eadar-nàiseanta a tha Mgr Moireasdan air buannachadh anns na ceithir mìosan a chaidh seachad.

Ball-coise - tha Sgioba na h-Alba a' cluich an aghaidh na Gearmailt a-nochd aig Pàirc Hampden. Thuirt Manaidsear na h-Alba gun robh e dòchasach gun dèanadh iad an gnothach air a' Ghearmailt.

More guides on this topic