Sgilean triantanachdA' lorg ceàrn ann an triantan ceart-cheàrnach

Cuidichidh triantanachd le cheistean mu thriantain cheart-cheàrnach a’ cleachdadh nan co-mheas sine, cosine no tansaint. Cuidichidh SMH CDH TMD (SOH CAH TOA) gus cuimhne a chumail air na foirmlean.

Part ofMatamataigTriantanachd

Ag obrachadh a-mach ceàrn ann an triantan ceart-cheàrnach

Eisimpleir

Lorg \(x^\circ\) gu aon ionad deicheach.

Right-angled scalene triangle with an x° angle, opposite of 8 and a hypotenuse of 10

Freagairt

Ainmich na taobhan an toiseach.

Bhon a tha fios againn air na h-àireamhan air an taobh mu choinneamh agus air a' hypotenuse, feumaidh sinn coimhead airson a' cho-mheas a tha a' cleachdadh an dà thaoibh sin (SMH CDH TMD). Sin an co-mheas sine.

\(\sin (x^\circ ) = \frac{{\text{mu choinneamh}}}{{\text{hypotenuse}}}\)

Thoir an aire gun cuir thu na h-àireamhan dhan àite cheart!

\(\sin (x^\circ ) = \frac{8}{{10}}\)

\(\sin (x^\circ ) = 0.8\)

Ath-rèitich le 'atharraich taobh, atharraich obrachadh'. Nuair a ghluaiseas tu an 'sin' chun an taoibh eile dhen t-samhla 'co-ionann ri', bidh thu a' dol an rathad eile agus 's e sin sin-1 (sin inbhearsach).

\(x^\circ= sin ^{-1 (0.8)}\)

Air an àireamhair, taidhp 'shift' agus an uair sin 'sin' gus sin-1 fhaighinn

\(x^\circ = 53.130...\)

Tha am freagairt an uair sin air a chruinneachadh gu àireamh fhreagarrach de mhionaideachd.

\(x^\circ = 53.1^\circ\) (aon ionad deicheach).

Feuch an t-eisimpleir seo.

Question

Lorg \(x^\circ\).

Thoir do fhreagairt ceart gu aon ionad deicheach.

Right-angled scalene triangle with an x° angle, adjacent of 20 and a hypotenuse of 26