Tha sùil ga toirt air a' cheangal eadar coltachd shìmplidh agus dùil-triceid tro choimeasgadh de staitistearachd gus rannsachadh a dhèanamh air riosg agus a' bhuaidh aige air ar beatha.
Nuair a thachras barrachd air aon rud, 's urrainn dhuinn craobh-dhiagram a chleachdadh airson gach buil a tha comasach obrachadh a-mach.
Tha a' chraobh-dhiagram seo a' sealltainn gach buil a tha comasach, agus na coltachdan aca, airson bonn a shadail agus airson cunntair a thaghadh à baga sa bheil 3 cunntairean dearg agus 2 chunntair ghorm.
Tha na builean sgrìobhte aig ceann gach gèig, agus tha na coltachdan sgrìobhte air gach gèig.
'S e na ceithir builean a tha comasach airson nan tachartasan seo:
ceann agus dearg
ceann agus gorm
earball agus dearg
earball agus gorm
Airson coltachd gach tachartais obrachadh a-mach, iomadaich na coltachdan air na geugan iomchaidh.