Riosg agus a bhuaidhColtachdan bunaiteach

Tha sùil ga toirt air a' cheangal eadar coltachd shìmplidh agus dùil-triceid tro choimeasgadh de staitistearachd gus rannsachadh a dhèanamh air riosg agus a' bhuaidh aige air ar beatha.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean staitistigs

Coltachdan bunaiteach

'S dòcha nach bi faclan mar 'cinnteach', 'coltach' agus mar sin air adhart, a' ciallachadh an aon rud dhan h-uile duine.

Feumaidh sinn a bhith nas mionaidiche mu dheidhinn dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin (buil).

Faodaidh luach sam bith eadar 0 (do-dhèante) agus 1 (cinnteach) a bhith aig coltachd buil. Faodar a sgrìobhadh mar bhloigh, mar dheichead no mar cheudad.

Thèid againn air luach obrachadh a-mach dhan choltachd leis an fhoirmle:

\(\text{Coltachd buil} = \frac{{\text{an àireamh dhòighean air am faodadh a' bhuil tachairt}}}{{\text{àireamh iomlan nam builean comasach}}}\)

Nuair a shadas tu dìsinn, tha sia builean comasach ann: 1, 2, 3, 4, 5 no 6.

Tha trì dòighean ann air àireamh chòrr fhaighinn (1, 3 no 5).

Mar sin tha a' choltachd gum faigh thu àireamh chòrr = an àireamh dhòighean air àireamh chòrr fhaighinn \(\div\) àireamh iomlan nam builean comasach.

\(= \frac{3}{6} = \frac{1}{2}\) no \(0.5\), no \(50\%\).