IomadachadhIomadachadh

Gabhaidh àireamh a bhith air a h-iomadachadh gu dà ionad dheicheach le àireamh shlàn aon-fhigear no le iomadan de 10, 100 agus 1000 a' cleachdadh fòrmat sgrìobhte àbhaisteach agus gun àireamhair.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

Iomadachadh

Ag iomadachadh le àireamh shlàn trì-figearan

Nuair a bhios tu ag iomadachadh \(237\) le \(324\) gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
  1. Tha a' chiad dà loidhne dhen obrachadh a' cleachdadh na h-aon dòigh-obrach 's a bh' againn gu h-àrd.
  2. Anns an treas loidhne tha sinn ag iomadachadh le \(300\) (trì ceudan). Bhon a tha sinn ag iomadachadh le ceudan, 's e daonnan neoni a bhios ann am figear nan deichean agus nan aonadan.
  3. Ag obrachadh san aon t-seòrsa dòigh: \(3 \times 7 = 21\) cuir \(1\) ann an colbh nan ceudan agus thoir-leat \(2\) do cholbh nam mìltean.
  4. \(3 \times 3 = 9\), cuir-ris na \(2\) a thug thu leat airson \(11\) fhaotainn, cuir \(1\) ann an colbh nam mìltean agus thoir-leat \(1\) do cholbh nan deich mìltean.
  5. \(3 \times 2 = 6\), cuir-ris an \(1\) a thug thu leat airson \(7\) fhaotainn, agus mar sin cuir \(7\) ann an colbh nan deich mìltean.
  6. Cuir-ris \(948\) agus \(4740\) agus \(71100\).

Mar sin \(237 \times 324 = 76788\)

Bidh sinn a' cleachdadh na h-aon seòrsa dòigh nuair a bhios sinn ag iomadachadh le ceithir figearan.

Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.

\(5607 \times 3061 = 17163027\)