CeudadanA' cleachdadh cheudan ann an obrachaidhean VAT

Obrachaidhean le ceudadan de dh'uireadan. Ag obair le meudachadh agus beagachadh a bharrachd air a bhith a' cur uiread an cèill mar cheudad de dh'uiread eile.

Part ofMatamataigÀireamhachd

A' cleachdadh cheudan ann an obrachaidhean VAT

Tha na litrichean VAT a' seasamh airson Value Added Tax (Cìs Luach Leasaichte). Bidh a' chìs seo air mòran rudan a bhios tu a' ceannach.

Bidh a' mhòr-chuid de bhùithtean a' gabhail VAT a-steach anns na prìsean aca. Mar sin, 's e a' phrìs a chì thu air a' bhileig a bhios tu a' pàigheadh.

Ach cha bhi a h-uile bùth no seirbheis a' gabhail VAT a-steach anns na prìsean aca. Feumaidh tu a' VAT obrachadh a-mach, agus an uair sin a chur-ris a' phrìs a dh'fheumas tu a phàigheadh.

Tha VAT an-dràsta aig reat \(20\%\).

Feuch a' cheist gu h-ìosal.

Question

Cheannaich an teaghlach MhicDhòmhnaill stereo ùr ann am bùth faisg orra.

B' e \(£300\) a' phrìs air a' bhileig, ach tha fios aca gum bi VAT a' dol air a' phrìs.

Dè phàigheadh an teaghlach air an stereo?