CeudadanAon uiread mar cheudad de dh'uiread eile

Obrachaidhean le ceudadan de dh'uireadan. Ag obair le meudachadh agus beagachadh a bharrachd air a bhith a' cur uiread an cèill mar cheudad de dh'uiread eile.

Part ofMatamataigÀireamhachd

A' cur aon uiread an cèill mar cheudad de dh'uiread eile

Tha seo a' ciallachadh gum feum thu an ceudad obrachadh a-mach. Seo eisimpleir de cheist:

'S e nigheanan a th' ann an \(15\) a-mach à \(30\) ann an clas. Thoir seo ann an ceudad.

\(\frac{{15}}{{30}} \times 100 = 50\%\)

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Tha bonnach fallain air a bheil 'Fibre-crunch' ga reic sna bùithtean.

Tha \(40g\) anns gach bonnach, agus tha \(2g\) de phròtain, \(3g\) de gheir agus \(35g\) de charbahaidreat ann.

Dè an ceudad de phròtain, de gheir agus de charbahaidreat a tha sa 'Fibre-crunch'?