Faodar measgachadh de dh'fhiosrachadh staitistigeach a shealltainn tro dhiagraman, a' ciallachadh gum feum thu clàran-cearcaill is diagraman tricead tionalach a dhèanamh, a mhìneachadh is a choimeas.
Tha Sarah air daithead gun chus gheir. Dè a' chèic is an ceapaire a bu chòir dhi a thaghadh?
Bu chòir Sarah an roghainn leis an àireimh as lugha de chalaraidhean a thaghadh. Mar sin bu chòir dhi am Bakewell tart agus an ceapaire chularan a ghabhail.
Question
Tha Lorna a' cur partaidh air dòigh airson a' 50mh co-là-breith aice, ach chan eil i cinnteach cò an latha a thaghas i.
Rinn i rannsachadh air cuin as urrainn a caraidean agus a teaghlach a bhith ann agus chuir i am fiosrachadh air clàr-cearcaill.
Dè an latha air am bu chòir do Lorna am partaidh a chumail?
Cuimhnich gum feum thu adhbhar a thoirt airson do fhreagairt.
Bu chòir do Lorna am partaidh a chumail Disathairne chionn sin an latha as urrainn an àireamh as motha dhe na caraidean aice a bhith ann.