A' tarraing graf-cholbhan airson dàta ann an seataichean
Seo an dàta airson aoisean nan daoine a tha a' ceannach ann am bùth CDan.
| Aoisean nan daoine a' ceannach taobh a-staigh uair a thìde | 25, 29, 45, 19, 36, 17, 60, 51, 39, 24, 15, 13, 31, 18, 24, 32, 37, 27, 23, 53, 41, 34, 29, 28, 52, 17, 55, 47, 34, 28, 22, 20, 64, 39, 38, 33, 24, 16, 27, 19, 26, 27, 25, 32, 26, 48, 54, 35 |
| Aoisean nan daoine a' ceannach taobh a-staigh uair a thìde |
|---|
| 25, 29, 45, 19, 36, 17, 60, 51, 39, 24, 15, 13, 31, 18, 24, 32, 37, 27, 23, 53, 41, 34, 29, 28, 52, 17, 55, 47, 34, 28, 22, 20, 64, 39, 38, 33, 24, 16, 27, 19, 26, 27, 25, 32, 26, 48, 54, 35 |
Dh'fhaodamaid an dàta seo a shealltainn ann an clàr-cholbhan, ach bhiodh an t-uabhas cholbhan ann!
Faodaidh sinn an cur ann an seataichean gus nach bi uiread de bhuidhnean ann.
Nuair a bhios tu a' taghadh raointean airson nan seataichean-dàta, feuch nach bi iad a' tar-laighe agus gum bi an dàta gu lèir annta.
Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu na raointean a leanas a chleachdadh airson diagram triceid a tharraing.
- 1 - 20
- 21 - 30
- 31 - 40
- 41 - 50
- 51 - 60
- 61 - 70
Seo an aon seata-dàta ann an raointean:
| Aois | Àireamh dhaoine |
| 1 - 20 | 9 |
| 21 - 30 | 16 |
| 31 - 40 | 12 |
| 41 - 50 | 4 |
| 51 - 60 | 6 |
| 61 - 70 | 1 |
| Aois | 1 - 20 |
|---|---|
| Àireamh dhaoine | 9 |
| Aois | 21 - 30 |
|---|---|
| Àireamh dhaoine | 16 |
| Aois | 31 - 40 |
|---|---|
| Àireamh dhaoine | 12 |
| Aois | 41 - 50 |
|---|---|
| Àireamh dhaoine | 4 |
| Aois | 51 - 60 |
|---|---|
| Àireamh dhaoine | 6 |
| Aois | 61 - 70 |
|---|---|
| Àireamh dhaoine | 1 |
Faodaidh sinn a-nis an dàta a chur air graf-cholbhan.