Atharrachadh na gnàth-shìdeCuspair sgrùdaidh

Tha tuigse mu na h-adhbharan is mu bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde air daoine agus an àrainneachd deatamach gus ro-innleachdan airson buaidhean a lùghdachadh san àm ri teachd a thoirt gu buil.

Part ofCruinn-eòlasCùisean cruinneil

Cuspair sgrùdaidh

Cìs dùmhlachaidh Lunnainn

Soidhne Sòn Dùmhlachd Meadhan Lunnainn
Image caption,
Soidhne Sòn Dùmhlachd Meadhan Lunnainn

Feumaidh dràibhearan pàigheadh airson dràibheadh ann an sòn na cìs dhùmhlachaidh. 'S e an t-amas dràibhearan a dhì-mhisneachadh bho bhith a' cleachdadh an t-sòna seo aig amannan trang agus còmhdhail phoblach a chleachdadh an àite sin gus dùmhlachadh, an ùine ann an sreathan trafaig, truailleadh agus a' chosgais dhan eaconamaidh a lùghdachadh. Tha an t-airgead a tha ga chruinneachadh air a chleachdadh gus còmhdhail phoblach a leasachadh, me chaidh busaichean ùra a cheannach agus chaidh seann charbadan a bha a' dèanamh barrachd truaillidh a thoirt às an t-seirbheis.

An toradh

  • Chaidh dùmhlachadh trafaig, tubaistean agus ìre truaillidh a lùghdachadh.
  • Tha seirbheis nam busaichean nas earbsaiche.
  • Tha reic sna bùithtean ann an sòn na cìse air a dhol am meud.
  • Chaidh barrachd tasgaidh a dhèanamh ann an còmhdhail phoblach.

Èifeachdas lùtha

Càr dealain
Image caption,
Càr dealain

Le cleachdadh lùtha a' dol am meud, tha e cudromach gum bi gnìomhachasan, còmhdhail agus daoine nan dachaighean a' cleachdadh lùth ann an dòigh nas èifeachdaiche gus nach bi uiread de dh'ana-caitheamh ann. Caomhnaidh seo cuideachd airgead air connadh. Faodaidh sinn uile cuideachadh le bhith a' dèanamh atharrachadh nar dòigh-beatha agus nar dachaighean – mar eisimpleir le bhith:

  • a' coiseachd, a' dol air baidhsagal no air còmhdhail phoblach an àite a bhith a' cleachdadh chàraichean le connadh fosail
  • a' lùghdachadh nan turasan air plèanaichean (gu h-àraidh air astar goirid)
  • a' cleachdadh chàraichean nas lugha nach bi a' cosg uiread de lùth no càraichean dealain
  • a' cur dheth sholais, teàirrdsearan fòn, suidsichean agus telebhiseanan nuair nach eil sinn gan cleachdadh
  • ag ath-chuartachadh agus ag ath-chleachdadh bathar plastaig agus bathar stèidhichte air ola
  • a' cleachdadh bholgan solais a bhios a' caomhnadh lùth agus bataraidhean a ghabhas an ath-theàirrdseadh
  • a' cur dìon-chòmhdach air mullaich thaighean, a' cur stad air gaoth a' faighinn a-steach, a' cleachdadh uinneagan dùbailte agus siostaman teas nas èifeachdaiche
  • a' smaoineachadh air pannalan grèine, no ag atharrachadh gu companaidh dealain aig a bheil dealan uaine