Atharrachadh na gnàth-shìdeBlàthachadh na cruinne

Tha tuigse mu na h-adhbharan is mu bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde air daoine agus an àrainneachd deatamach gus ro-innleachdan airson buaidhean a lùghdachadh san àm ri teachd a thoirt gu buil.

Part ofCruinn-eòlasCùisean cruinneil

Blàthachadh na cruinne

Atharrachaidhean ann an teòthachd na cruinne

Fianais mu bhlàthachadh na cruinne - atharrachadh ann an ìre na mara

Tha an diagram a' sealltainn atharrachaidhean ann an teòthachd na cruinne thar nan 100 bliadhna mu dheireadh. Tha an y-axis a' sealltainn an diofair ann an ceuman Celsius bho theòthachd chuibheasach 1900.

Atharrachadh ann an teÚthachd na cruinne
Figure caption,
Atharrachaidhean ann an teòthachd na cruinne

Tha an graf seo a' sealltainn gu bheil àrdachadh ann an teòthachd chuibheasach uachdar na cruinne eadar 1900 agus 2000.

Tha barrachd fiosrachaidh ann a tha a' sealltainn na leanas:

  • bha lùghdachadh san teòthachd chuibheasach de 0.1 ceum sa chiad 10 bliadhna dhen 20mh linn
  • chaidh an teòthachd suas an uair sin, agus bha e 0.3 ceum os cionn ìre meadhain 1900 ann an 1940
  • thill an teòthachd chuibheasach air ais gu 0.2 ceum os cionn àireamh 1900 ann an 1950 agus bha e caran timcheall air an sin gu 1975
  • sna 25 bliadhna mu dheireadh dhen linn, dh'èirich an teòthachd luath gu bhith 0.7 ceum nas àirde na 1900 sa bhliadhna 2000

Cuimhnich gu bheil caisead a' ghraf-cholbhan-loidhne seo a' sealltainn dè cho luath no cho mall 's a bha an teòthachd ag atharrachadh – mar as caise a tha e, 's ann as luaithe an t-atharrachadh.