An Riaghaltas Làbarach agus an Stàit ShochaireanLeasachaidhean a thaobh Dìomhanais

An dèidh an Dara Cogaidh stèidhich an Riaghaltas Làbarach Stàit nan Sochairean. Chaidh iad an sàs sna ‘Còig Mhòra’ bho Aithisg Beveridge – Tinneas, Dìth, Salchar, Aineolas is Dìomhanas.

Part ofEachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

Leasachaidhean a thaobh Dìomhanais

Chuir an Riaghaltas Làbarach gnìomhachasan ann am Breatainn ann an seilbh na stàite gus obraichean a chruthachadh agus a ghleidheadh. Am measg nan gnìomhachasan sin bha:

  • stàilinn
  • iarann
  • gas
  • gual
  • dealan
  • rèile

Chuidich sin gu bhith a' cumail reatan cion cosnaidh glè ìosal - bha gnìomhachasan nach robh prothaideach a' faighinn airgead bhon riaghaltas airson an cumail a' dol agus gus nach deigheadh obraichean a chall.