Leasachaidhean a thaobh Dìth
Achd Àrachas Nàiseanta, 1946
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- A' toirt dìon a thaobh airgid nam biodh duine gun obair no tinn. Luchd-obrach a' faotainn 26 tastan san t-seachdain no 42 tastan do dh'fhir phòsta.
- Seann daoine a' faotainn peinnsean.
- Taic-airgid airson tiodhlacadh.
- Na cùmhnantan obrach a b' ìsle air an stèidheachadh do dhaoine aig an robh obair.
Dìth soirbheachaidh:
- Air an càineadh airson na h-àireimh mhòir de dh’oifigich air an robh feum airson an sgeama obrachadh.
- Cha robh càil ann do dhaoine aig nach robh obair agus nach do phàigh a-steach dhan sgeama.
Bochdainn sna 1900an
Achd Leòn Gnìomhachais, 1946
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Sochair airgid do dhaoine a bha greiseag gun obair air sgàth leòn.
- Sochair airgid do dhaoine a bha far an obair greis mhòr.
Dìth soirbheachaidh:
B' e an riaghaltas, agus cha b' e fastaidhear, a bha a' pàigheadh airgead-dìolaidh agus bha sin a' ciallachadh gur e an riaghaltas a bha a' pàigheadh airson leòn san obair.
Achd Cobhair Nàiseanta, 1948
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Sochair airgid do dhaoine gun obair no nach robh air gu leòr a phàigheadh dhan Sgeama Àrachais Nàiseanta.
- Sochair do sheann daoine nach do phàigh dhan Sgeama Àrachais Nàiseanta rè am beatha.
- Na cùmhnantan beatha a b' ìsle air an stèidheachadh do dhaoine gun obair.
Dìth soirbheachaidh:
- Stèidhichte air deuchainn teachd-a-steach. Bha an t-airgead a gheibheadh duine a rèir 's dè na bha de dh'airgead no stuth luachmhor aig neach no teaghlach.
- Bha mòran sheann daoine nach robh deònach cur airson cuideachadh oir bha iad a' creidsinn gun robh stiogma na chois.