ColtachdTricead dàimheach

Thathar a' toirt sùil air coltachd shìmplidh agus tricead ris am biodh dùil. Thathar a' sgrùdadh riosg agus a' bhuaidh aige air ar beatha.

Part ofMatamataigÀireamhachd

Tricead dàimheach

Thèid agad air tuairmse a thoirt air coltachdan bho dheuchainn. Uaireannan canar triceadan dàimheach riutha seo.

Mar eisimpleir, ann an deuchainn anns an deach prìne a leagail \(1000\) turas:

  • bha ceann a' phrìne suas \(279\) tursan
  • bha ceann a' phrìne sìos \(721\) tursan

Mar sin 's e an tricead dàimheach gum bi ceann a' phrìne suas:

An àireamh thursan a bhios a' bhuil seo (ceann suas) ann ÷ àireamh iomlan nam builean (no deuchainnean)

\(= \frac{{279}}{{1000}}\,no\,0.279\,no\,27.9\%\)