'S dòcha nach bi faclan mar 'cinnteach', 'coltach' agus mar sin air adhart, a' ciallachadh an aon rud dhan h-uile duine.
Feumaidh sinn a bhith nas mionaidiche mu dheidhinn dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin (buil).
Faodaidh luach sam bith eadar \(0\) (do-dhèante) agus \(1\) (cinnteach) a bhith aig coltachd buil. Faodar a sgrìobhadh mar bhloigh, mar dheichead no mar cheudad.
Thèid againn air luach obrachadh a-mach dhan choltachd leis an fhoirmle:
\(\text{Coltachd buil} = \frac{{\text{an àireamh dhòighean air am faodadh a' bhuil tachairt}}}{{\text{àireamh iomlan nam builean comasach}}}\)
Nuair a shadas tu dìsinn, tha sia builean comasach ann: \(1,\,2,\,3,\,4,\,5\,no\,6\).
Tha trì dòighean ann air àireamh chòrr fhaighinn (\(1,\,3\,no\,5\)).
Mar sin tha a' choltachd gum faigh thu àireamh chòrr = an àireamh dhòighean air àireamh chòrr fhaighinn ÷ àireamh iomlan nam builean comasach.
\(= \frac{3}{6} = \frac{1}{2}\)
Faodar cuideachd a sgrìobhadh mar \(0.5\), no \(50\%\).