Faodar seataichean-dàta agus plot-bhogsaichean a choimeas agus am mìneachadh gus anailis a dhèanamh air na coltasan agus na diofaran a th' annta.
Part ofGnìomhan MatamataigsStaitistearachd
'S e am mòd an àireamh as trice a nochdas ann an seata-dàta. Faodaidh barrachd air aon mhòd a bhith ann.
Coimhead a-rithist air toraidhean Kieran agus lorg am mòd:
\(10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9, 12\)
Chì sinn an seo gur e an àireamh \(10\) as trice a tha a' nochdadh, agus mar sin 's e \(10\) am mòd.
Air clàr-triceid, tha e fiù 's nas fhasa buileach faicinn gur e \(10\) am mòd.