Dealbhan-tìre costailBleith rubha

Tha bearraidhean, uaimhean is airdsean cruthaichte ann an dealbhan-tìre costail. Faodaidh diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn còmhstri adhbharachadh is feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasDealbhan-tìre costail

Bleith rubha

Pròiseasan bleith a bhios a' cruthachadh uamhan mara, airdsean agus stacan

Uaimhean, airdsean agus stacan

Ciamar a chaidh an rubha tùsail a bhleith gus an dealbh-tìre cladaich a th' ann an-dràsta a chruthachadh? Tha iomadh ceum ann.

  • Tha loidhneachan laigse sa h-uile creig. Bidh a' mhuir agus na tuinn a' cleachdadh obair haidreolaig, sgrìobadh agus leaghadh gus bleith far a bheil loidhneachan laigse. Bidh fo-ghearradh a' dol air adhart timcheall an rubha gu lèir.
  • Bidh na loidhneachan laigse a' fàs nas motha agus a' dol nan uamhan mara beaga.
  • Bidh na h-uamhan a' fàs nas doimhne agus nas leatha air gach taobh dhen rubha agus, mu dheireadh, bidh a' mhuir a' dol a-steach tron rubha agus a' cruthachadh airdse.
  • Bidh a' chreag aig bàrr na h-airdse a' call a stèidh nuair a bhios an airdse a' fàs nas motha, agus tuitidh i mu dheireadh gus stac a chruthachadh.
  • Bidh an stac air a bleith gus nach bi ach stoc air fhàgail.
  • Thar ùine, thèid an stoc à sealladh.
  • Mar a bhios an rubha a' dol air ais air sgàth bleith, canar leac gearradh-tuinn ris an talamh shìnte aig bonn a' bhearraidh a tha a' dol air ais.

Creagan Harry Rocks - proiseasan costail agus dealbhan-tìre