Dealbhan-tìre costailCuspair sgrùdaidh – Cladach Dorset

Tha bearraidhean, uaimhean is airdsean cruthaichte ann an dealbhan-tìre costail. Faodaidh diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn còmhstri adhbharachadh is feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasDealbhan-tìre costail

Cuspair sgrùdaidh – Cladach Dorset

Duilgheadasan cleachdadh-fearainn agus fuasglaidhean

Air sgàth 's gu bheil diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn ann, bidh duilgheadas ann uaireannan. Tha a' chuid as motha dhe na duilgheadasan air sgàth àireamh mhòr de luchd-turais a bhith a' tighinn dhan sgìre, gu h-àraidh as t-samhradh. Seach gu bheil uiread de dh'uachdarain agus de luchd-cleachdaidh fearainn ann, bheir sinn sùil air a dhà dhiubh agus air na diofar ro-innleachdan manaidseachd a th' ann airson na duilgheadasan sin a lùghdachadh.

Strì 1: Muinntir an àite v Luchd-turais

DuilgheadasFuasgladh
Barrachd trafaig dhùmhlaichte gu h-àraidh ann an àitichean còrdaichte mar Caisteal CorfeRèile trèan-smùide eadar Swanage is Corfe a' leigeil le luchd-turais siubhal, agus chan eil uiread de chàraichean mall air an rathad
Tha barrachd trafaig a' ciallachadh barrachd truailleadh èadhair agus fuaimLoidhneachan-rèile, busaichean, slighean bhaidhsagal agus bàtaichean nan seòrsachan còmhdhail eile
Slighean-coise mì-shealltanach agus crìonadh nan coilleagan air sgàth mòran luchd-tadhailBidh an t-Urras Nàiseanta agus Urras Fiadh-bheatha Dorset a' ceannach agus a' manaidseadh talamh, me slighean-coise
Barrachd sgudail agus barrachd theintean air na tràghannan, me Tràigh ChesilÙghdarrasan ionadail a' cur càin air daoine airson sgudal a shadail air falbh. A' cur air dòigh sgiobannan gus sgudal a thogail gu saor-thoileach
Faodaidh àrainnean cugallach bheathaichean a bhith air an sgrios le luchd-coiseachdAg ath-chur muran airson fàsmhorachd agus coilleagan a ghleidheadh aig Ionadan de Shùim Shònraichte Shaidheansail, me Studland
Dragh ga chur air fiadh-bheatha air na tràghannanGus fiadh-bheatha a dhìon, chaidh tèarmainn nàdair do fhiadh-bheatha a chruthachadh mar Eilean Brownsea (Tèarmainn Nàdair Nàiseanta)
Doirbh do dhaoine a tha a' ceannach taigh airson a' chaid uair oir tha uiread de thaighean nan dara dachaigh aig daoineRiaghaltas nàiseanta a' cuideachadh dhaoine a tha a' ceannach airson a' chiad uair tro sgeamachan thaighean nach eil ro dhaor
DuilgheadasBarrachd trafaig dhùmhlaichte gu h-àraidh ann an àitichean còrdaichte mar Caisteal Corfe
FuasgladhRèile trèan-smùide eadar Swanage is Corfe a' leigeil le luchd-turais siubhal, agus chan eil uiread de chàraichean mall air an rathad
DuilgheadasTha barrachd trafaig a' ciallachadh barrachd truailleadh èadhair agus fuaim
FuasgladhLoidhneachan-rèile, busaichean, slighean bhaidhsagal agus bàtaichean nan seòrsachan còmhdhail eile
DuilgheadasSlighean-coise mì-shealltanach agus crìonadh nan coilleagan air sgàth mòran luchd-tadhail
FuasgladhBidh an t-Urras Nàiseanta agus Urras Fiadh-bheatha Dorset a' ceannach agus a' manaidseadh talamh, me slighean-coise
DuilgheadasBarrachd sgudail agus barrachd theintean air na tràghannan, me Tràigh Chesil
FuasgladhÙghdarrasan ionadail a' cur càin air daoine airson sgudal a shadail air falbh. A' cur air dòigh sgiobannan gus sgudal a thogail gu saor-thoileach
DuilgheadasFaodaidh àrainnean cugallach bheathaichean a bhith air an sgrios le luchd-coiseachd
FuasgladhAg ath-chur muran airson fàsmhorachd agus coilleagan a ghleidheadh aig Ionadan de Shùim Shònraichte Shaidheansail, me Studland
DuilgheadasDragh ga chur air fiadh-bheatha air na tràghannan
FuasgladhGus fiadh-bheatha a dhìon, chaidh tèarmainn nàdair do fhiadh-bheatha a chruthachadh mar Eilean Brownsea (Tèarmainn Nàdair Nàiseanta)
DuilgheadasDoirbh do dhaoine a tha a' ceannach taigh airson a' chaid uair oir tha uiread de thaighean nan dara dachaigh aig daoine
FuasgladhRiaghaltas nàiseanta a' cuideachadh dhaoine a tha a' ceannach airson a' chiad uair tro sgeamachan thaighean nach eil ro dhaor

Strì 2: Luchd-turais v Luchd-turais

DuilgheadasFuasgladh
Tha mu 18 de dhiofar luchd-cleachdaidh fearainn ann an Cala Poole agus bidh 4,000 bàta ann aig amannan trangSònaichean a' cumail diofar nithean air leth, me Cala Poole. Bacadh air astar
Goireasan luchd-turais mar pàircean-chàraichean, ionadan-campachaidh/charabhanan agus ionadan-gheataichean a' milleadh coltas a' chladaichInbhe Làrach Dualchas na Cruinne a' leigeil le ùghdarrasan ionadail an cladach a dhìon bho chus leasachaidh le riaghailtean dealbhachaidh teann
Faodaidh fuaim bhàtaichean-motair dragh a chur air luchd-snàmh agus air daoine a bhios a' gabhail na grèinePlana Manaidseadh Mara a' brosnachadh àitichean sàmhach (sònaichean)
Faodaidh nithean mar sgitheadh-uisge dragh a chur air iasgairean, me aig Tràigh ChesilSgeamaichean foghlam poblach, me leabhrain-iùil, bileagan is soidhnichean airson turasachd cùramach a bhrosnachadh
Dh'fhaodadh 20,000 neach tadhal air tràigh Studland air latha teth samhraidhÙghdarrasan ionadail a' gabhail ri Sgeama Blue Flag an EU air càileachd tràghad
Faodaidh coin luchd-tadhail na tràghannan agus slighe-coise a shalachSgeamachan poop scoop airson nach bi coin a' salach air an tràigh
DuilgheadasTha mu 18 de dhiofar luchd-cleachdaidh fearainn ann an Cala Poole agus bidh 4,000 bàta ann aig amannan trang
FuasgladhSònaichean a' cumail diofar nithean air leth, me Cala Poole. Bacadh air astar
DuilgheadasGoireasan luchd-turais mar pàircean-chàraichean, ionadan-campachaidh/charabhanan agus ionadan-gheataichean a' milleadh coltas a' chladaich
FuasgladhInbhe Làrach Dualchas na Cruinne a' leigeil le ùghdarrasan ionadail an cladach a dhìon bho chus leasachaidh le riaghailtean dealbhachaidh teann
DuilgheadasFaodaidh fuaim bhàtaichean-motair dragh a chur air luchd-snàmh agus air daoine a bhios a' gabhail na grèine
FuasgladhPlana Manaidseadh Mara a' brosnachadh àitichean sàmhach (sònaichean)
DuilgheadasFaodaidh nithean mar sgitheadh-uisge dragh a chur air iasgairean, me aig Tràigh Chesil
FuasgladhSgeamaichean foghlam poblach, me leabhrain-iùil, bileagan is soidhnichean airson turasachd cùramach a bhrosnachadh
DuilgheadasDh'fhaodadh 20,000 neach tadhal air tràigh Studland air latha teth samhraidh
FuasgladhÙghdarrasan ionadail a' gabhail ri Sgeama Blue Flag an EU air càileachd tràghad
DuilgheadasFaodaidh coin luchd-tadhail na tràghannan agus slighe-coise a shalach
FuasgladhSgeamachan poop scoop airson nach bi coin a' salach air an tràigh