Job applicationPart-time job application

This writing plan or mind-map can be used as a template to help structure a job application covering letter. As you write, check that you are addressing each heading.

Part ofGaelic (Learners)Writing

Part-time job application

Litir 2

A charaid chòir,

Chunnaic mi an sanas agaibh anns a' phàipear ionadail. Tha sibh a' coimhead airson neach-taic airson Sradagan agus chòrdadh an obair seo rium-sa. Mar sin, tha mi a' sgrìobhadh thugaibh airson rud beag innse mu mo dheidhinn fhèin.

'S e Ealasaid NicAoidh an t-ainm a tha orm agus tha mi seachd bliadhna deug a dh'aois. Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig airson còig bliadhna agus tha mi gu math fileanta. Tha mi a' dèanamh mòran chuspairean san sgoil, nam measg, Eaconamas Dachaigh, Ceòl agus Dràma.

Tha mi uabhasach measail air clann agus tha mi math air a bhith ag obair còmhla riutha. Tha triùir pheathraichean bheaga agam agus bràthair beag. Mar sin, tha mi eòlach air a bhith am measg òigridh.

Bidh mi a' dol don cholaiste ann an Inbhir Nis aon latha gach seachdain. Tha mi a' dèanamh cùrsa ann a bhith a' coimhead às dèidh chloinne. Tha mi ag iarraidh a bhith ag obair ann an sgoil-àraich nuair a dh'fhàgas mi an sgoil.

Bidh mi a' ruith club òigridh ann an talla a' bhaile gach feasgar Diardaoin. Aig a' chlub seo, bidh mi a' cur air dòigh rudan spòrsail airson clann a tha eadar seachd agus 14. Bidh sinn a' dèanamh ealain, dràma, còcaireachd agus a' cluich gheamannan coimpiutair. Tha sinn dìreach air còisir a thòiseachadh cuideachd agus tha sinn an dùil a dhol chun Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tha mi glè cheòlmhor agus tha mi math air dràma. Tha mi a' smaointinn gum biodh na sgilean seo feumail airson neach-taic aig Sradagan. A bharrachd air an seo, tha mi math air spòrs, leithid ball-coise agus iomain. Mar sin, b' urrainn dhomh sgioba iomain agus sgioba bhuill-coise a chur air dòigh leis a' bhuidheann Sradagan.

Mar a chì sibh, tha mòran eòlais agus sgilean agam airson an obair seo.

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, cuiribh fòn no post-d thugam.

Mòran taing airson seo a leughadh.

Leis gach deagh dhùrachd,

Ealasaid NicAoidh

More guides on this topic