Job applicationWork experience application

This writing plan or mind-map can be used as a template to help structure a job application covering letter. As you write, check that you are addressing each heading.

Part ofGaelic (Learners)Writing

Work experience application

This letter is an example of a piece of writing created using a writing plan. If you need to, you can use the vocabulary list to help with unfamiliar words.

Litir 1

8 An t-Sràid

Am Baile

Alba

14 Màrt 2013

A charaid chòir,

Tha mi a' sgrìobhadh thugaibh o chionn 's gu bheil mi ag iarraidh greis-obrach a dhèanamh le Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC. Chunnaic mi sanas air an làrach-lìn agaibh agus tha ùidh mhòr agam san obair. Tha mi airson beagan innse dhuibh mu mo dheidhinn fhèin, mu na sgilean agus an t-eòlas a th' agam.

Is mise Charlotte Rothach agus tha mi sia bliadhna deug a dh'aois. Tha mi anns a' cheathramh bliadhna ann an Àrd-sgoil Loch Abair. Tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig bho bha mi air a' chiad bhliadhna, agus tha e a' còrdadh rium gu mòr. Tha mi a' dèanamh cùrsa anns na Meadhanan san sgoil cuideachd agus tha mi air tòrr sgilean teicneòlais ionnsachadh.

A' bhòn-uiridh, fhuair mi an cothrom a bhith ag obair le companaidh telebhisean anns an Eilean Sgitheanach. Bha mi ann airson cola-deug ach chaidh e seachad cho luath. Bha mi ag obair uabhasach cruaidh agus chòrd an obair seo rium gu mòr.

An-uiridh, chuir mi seachad saor-làithean an t-samhraidh ag obair aig stèisean rèidio sa Ghearastan. Fhuair mi eòlas air a bhith a' cur fòn gu daoine agus a bhith ag ullachadh cheistean airson agallamhan.

Is toigh leam a bhith ag obair còmhla ri daoine eile mar phàirt de sgioba. Tha mi an-còmhnaidh air an uair. Am bliadhna, bhithinn air leth toilichte greis-gnìomhachais fhaighinn còmhla ribh. Tha ùidh agam ann an obair fhaighinn anns na meadhanan Gàidhlig nuair a dh'fhàgas mi an sgoil. Tha mi an dùil a dhol gu Sabhal Mòr Ostaig an-ath-bhliadhna airson cùrsa telebhisein a dhèanamh. Bu toigh leam eòlas-obrach fhaighinn mus tèid mi an sin. Bu toigh leam airgead a chosnadh airson an oilthigh.

Mar a chì sibh tha mòran eòlais agam air obair anns a' ghnìomhachas seo. Tha mo sgilean agus m' eòlas a' ciallachadh gu bheil mi freagarrach airson na h-obrach seo. Tapadh leibh airson seo a leughadh. Tha mi an dòchas gu bheil sibh dhen bheachd gu bheil mi freagarrach airson na h-obrach seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Charlotte Rothach

More guides on this topic