Eilthireachd à AlbaAdhbharan airson eilthireachd

Dè th’ ann an adhbhar putaidh? Dè th’ ann an adhbhar tarraing? Tha an earrann seo a’ coimhead ri nithean a thug air daoine eilthireachd a dhèanamh à Alba aig deireadh an 19mh is toiseach an 20mh linn.

Part ofEachdraidhImrich agus ìompaireachd

Adhbharan airson eilthireachd

Adhbharan putaidh

Bochdainn

Bha cuid dhe na bha a' fuireach air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan ann am bochdainn uabhasach.

  • Cha robh an talamh torrach agus bha e doirbh bàrr fhàs air.
  • Bha an àireamh-sluaigh a' dol suas agus dh'adhbhraich sin barrachd iarraidh air fearann, obraichean agus taigheadas.
  • Cha robh roghainn aig daoine ach am fearann obrachadh. Seach gun do dh'fhàillig gnìomhachas an iasgaich, an anairt agus na ceilpe, bha cion obrach mòr air a' Ghàidhealtachd.
  • Sgaoil gaiseadh a' bhuntàta air feadh Alba ann an 1847 agus theab na mìltean air a' Ghàidhealtachd bàsachadh leis an acras.

Bha mòran airson fàgail airson dòigh-beatha na b' fheàrr a bhith aca.

Am Monadh a Deas

Chaidh iarraidh airson bathar àiteachais sìos air sgàth farpais bho thall thairis.

Bha dòighean tuathanachais ùra agus barrachd teicneòlais a' ciallachadh nach robh feum air uiread de luchd-obrach airson obair tuathanais.

Cha robh obair eile ri fhaotainn ann an gnìomhachas do dhaoine a bha a' fuireach an sin.

Meadhan Alba

Bha cùisean gu math truagh ann an slumaichean nam bailtean gnìomhachais.

Cha robh cùmhnantan-obrach math – bha na h-uairean fada agus an t-àite-obrach glè thric cunnartach.

Thug cion iarraidh airson greisean mòra eadar 1830 agus 1930 buaidh air gnìomhachasan mar mèinneadh agus gàrraidhean-iarainn.