Adhbharan airson eilthireachd
Bha iomadh adhbhar ann a thug air no a bhrosnaich daoine gus falbh à Alba an dèidh 1830.
Canar adhbharan putaidh ri adhbharan a thug air daoine falbh à Alba.
Canar adhbharan tarraing ri adhbharan a bhrosnaich daoine gus a dhol a-null thairis.
Adhbharan putaidh
Bha iomadh adhbhar putaidh ann a thug air daoine falbh à Alba an dèidh 1830.
Dìteadh Eucorach (air feadh Alba)
Bha Albannaich a dhèanadh eucoir an cunnart an cur a choloinidhean eucorach. Gu 1776, chaidh an cur dha na SA ach ann an 1787 dh'fhàg a' chiad bhàta le prìosanaich à Alba a' dèanamh air Astràilia. Chaidh Astràilia a chleachdadh mar choloinidh eucorach gu 1867.

Chaidh eucoraich a chur air bàtaichean dhan choloinidh airson diofar dhroch eucoirean. Bha iad glè thric a' faighinn binn 7 no 14 bliadhnaichean no fad-beatha sna coloinidhean agus cha robh mòran dòchais aca air tilleadh a Bhreatainn.
Na Fuadaichean (A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan)
Bho 1780, chaidh croitearan a chur far an fhearainn aca airson dòigh tuathanachais ùr a stèidheachadh.
Bha oighreachdan le caoraich no sealg na bu phrothaidiche do dh'uachdarain na Gàidhealtachd na bha e leigeil le luchd-màil am fearann a ghabhail air mhàl airson croitearachd.

Bha na h-uachdarain ag iarraidh prothaid agus cha robh iad a' faighinn gu leòr bho mhàl no bho bhàrr.
1792 – Bliadhna nan Caorach: eilthireachd mhòr bhon Ghàidhealtachd dhan t-Saoghal Ùr.
Brosnachadh Airgid (air feadh Alba)
Buidhnean Carthannais
- Chaidh dilleachdain a chur gu teaghlaichean san t-Saoghal Ùr le William Quarrier bho na 1870an.
- Bha an YMCA a' cuideachadh ghillean gus eilthireachd a dhèanamh sa chiad chuid dhe na 1900an.
- Chaidh Comann Eilthireachd Boireannaich Bhreatainn a stèidheachadh ann an 1901 gus boireannaich fhoghlamaichte bhon mheadhan-chlas a chuideachadh gus eilthireachd a dhèanamh.
Riaghaltas Bhreatainn
- Thug iad seachad £10,000 gus croitearan a chuideachadh le eilthireachd sna 1880an.
- An dèidh a' Chiad Chogaidh Mhòir, stèidhich iad Comataidh airson Tuineachadh Thall Thairis gus feadhainn a chleachd a bhith nan saighdearan a chuideachadh gus eilthireachd a dhèanamh.
- Sna 1920an agus na 1930an, thug Achd Tuineachadh na h-Ìmpireachd maoin do dhaoine a bha airson eilthireachd a dhèanamh.
Uachdarain
- Bha cuid de dh'uachdarain deònach croitearan a phàigheadh airson am fearann aca fhàgail.
- An dèidh 1847, gheibheadh uachdarain taic bhon riaghaltas airson sin a dhèanamh.