An tràth caithte agus an tràth teachdailAn tràth caithte agus an tràth teachdail
Bheir eòlas air gràmar na Gàidhlig cuideachadh dhut ann an bhith a’ tuigse is a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air an tràth chaithte is an tràth theachdail tron earrainn seo.
1. Gus an tràth teachdail a chruthachadh airson ghnìomhairean anns a bheil an fhuaimreag mu dheireadh leathann (a, o, u) - mar eisimpleir, gabh - cuir -aidh an dèidh an fhreumh, gabh gu gabhaidh.
2. Gus an tràth teachdail a chruthachadh airson ghnìomhairean anns a bheil an fhuaimreag mu dheireadh caol (e, i) - mar eisimpleir, coisich - cuir -idh an dèidh an fhreumh, coisich gu coisichidh.