An tràth caithte agus an tràth teachdailAn tràth caithte agus an tràth teachdail
Bheir eòlas air gràmar na Gàidhlig cuideachadh dhut ann an bhith a’ tuigse is a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air an tràth chaithte is an tràth theachdail tron earrainn seo.
Chan e rud doirbh a tha ann an tràth caithte agus an tràth teachdail a chruthachadh ann an Gàidhlig. Ma tha fios agad air freumh a' ghnìomhaire, faodaidh tu na tràthan eile a chruthachadh.
An tràth caithte
1. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a' tòiseachadh le connrag, cuir h an dèidh na connraig.
Tha trì litrichean nach eil a' leantainn an riaghailt seo l, n, no r. Chan urrainn dhuinn h a chur an dèidh nan litrichean sin ann an Gàidhlig.
Le sin tha an tràth caithte airson laigh, nigh is ruith a' coimhead an aon rud ris an fhreumh.
2. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a' tòiseachadh le fuaimreag, cuir dh' air beulaibh na fuaimreig anns an fhreumh, me òl gu dh'òl.
3. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a' tòiseachadh le f+fuaimreag cuir dh' air beulaibh an f agus cuir h an dèidh an f, me fuirich gu dh'fhuirich.
Gnìomhairean a' tòiseachadh leis na connragan b, c, d, g, m, p, s, t
Freumh
An tràth caithte
bris
bhris
cuir
chuir
dùin
dhùin
gabh
ghabh
mill
mhill
pòs
phòs
suidh
shuidh
tog
thog
Freumh
bris
An tràth caithte
bhris
Freumh
cuir
An tràth caithte
chuir
Freumh
dùin
An tràth caithte
dhùin
Freumh
gabh
An tràth caithte
ghabh
Freumh
mill
An tràth caithte
mhill
Freumh
pòs
An tràth caithte
phòs
Freumh
suidh
An tràth caithte
shuidh
Freumh
tog
An tràth caithte
thog
Gnìomhairean a' tòiseachadh leis na connragan l, n, r