Atharrachaidhean san dealbh-tìre dhùthchail
Dùthchannan fo leasachadh
Bochdainn anns na h-Innseachan
Tha iomadh atharrachadh air tighinn air dòighean tuathanachais o chionn beagan bhliadhnaichean ann an dùthchannan fo leasachadh mar na h-Innseachan. Chì thu iad sin san diagram.
Cuspair sgrùdaidh air Srath Ìochdrach a' Ghanges sna h-Innseachan

Tha a' ghnàth-shìde bhlàth, fhliuch fìor mhath airson tuathanachas-rus bith-beò sna h-Innseachan. Tha tuathanachas bith-beò a' ciallachadh nach eil biadh ga fhàs ach airson teaghlach a bheathachadh agus chan eil còrr ann a thèid a reic airson prothaid. Tha na h-achannan beag, mu 1 heactair san àbhaist (meud raon ball-coise) agus bidh e air a roinneadh na 15 iomairean. Chan eil mòran innealan air an cleachdadh oir chan eil airgead gu leòr aig na tuathanaich airson uidheamachd dhaor, ùr-nodha a cheannach. Mar sin bidh iad a' cleachdadh buabhall-uisge airson na h-achannan a threabhadh, agus bidh iad a' buain a' bhàrr len làmhan. Seach gum feum uisge a bhith aig an rus fad na h-ùine, bidh na h-achannan glè thric ri taobh uisge, me Abhainn Ghanges.
Buaidh teicneòlas ùr
Dh'adhbharaich atharrachaidhean ann am poileasaidh tuathanachas gu bheil fada a bharrachd bìdh ga dhèanamh sna h-Innseachan oir tha an àireamh-sluaigh sna h-Innseachan a' dol suas cho luath agus tha barrachd dhaoine a' cur feum air biadh. Bha an t-Atharrachadh Uaine a' ciallachadh gun do thòisich iad a' cleachdadh tharactaran, sianailean uisgeachaidh, todhar ceimigeach agus puinnsean phlàighean. Thug teicneòlas ùr airson tuathanachas deagh bhuaidh agus droch bhuaidh air na sgìrean dùthchail:
| Deagh bhuaidh | Droch bhuaidh |
| Sianailean uisgeachaidh a' ciallachadh buain 2 - 3 thursan sa bhliadhna an àite 1 air sgàth uisgeachadh cunbhalach | Talamh ga chleachdadh fad na h-ùine agus an ùir a' sìor fhàs bochd thar ùine |
| Barrachd bàrr a' ciallachadh barrachd prothaid do chuid de thuathanaich | Chan urrainn do na tuathanaich as bochda farpais a dhèanamh oir cha tèid aca air uiread de bhàrr fhàs gun uisgeachadh |
| Thèid aig cuid de thuathanaich air diofar sheòrsachan bàrr fhàs airson airgead agus barrachd prothaid a dhèanamh | Chan urrainn do na tuathanaich as bochda ceimigich no innealan a cheannach, agus mar sin, chan eil buannachd ann an teicneòlas ùr dhaibh |
| Chan eil an obair cho cruaidh air daoine air sgàth barrachd innealan | Chan eil uiread de dh'obraichean ann oir tha tractaran a' ciallachadh barrachd cion-cosnaidh |
| Leis gu bheil feum air barrachd cheimigich is innealan, chaidh gnìomhachasan agus obraichean ùra a chruthachadh, me meacanaigean airson tractaran a chàradh | Tha e daor innealan a cheannach agus a chàradh. Gheibhear thairis air an seo le co-chomainn far a bheil tuathanaich a' roinn nan innealan eatarra |
| Piseach air inbhe beòshlaint oir tha airgead aig cuid de thuathanaich airson bathar a cheannach | Tha mòran de theaghlaichean bochda fhathast ann am fìor bhochdainn oir chan eil airgead aca airson teicneòlas ùr |
| Deagh bhuaidh | Sianailean uisgeachaidh a' ciallachadh buain 2 - 3 thursan sa bhliadhna an àite 1 air sgàth uisgeachadh cunbhalach |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Talamh ga chleachdadh fad na h-ùine agus an ùir a' sìor fhàs bochd thar ùine |
| Deagh bhuaidh | Barrachd bàrr a' ciallachadh barrachd prothaid do chuid de thuathanaich |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Chan urrainn do na tuathanaich as bochda farpais a dhèanamh oir cha tèid aca air uiread de bhàrr fhàs gun uisgeachadh |
| Deagh bhuaidh | Thèid aig cuid de thuathanaich air diofar sheòrsachan bàrr fhàs airson airgead agus barrachd prothaid a dhèanamh |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Chan urrainn do na tuathanaich as bochda ceimigich no innealan a cheannach, agus mar sin, chan eil buannachd ann an teicneòlas ùr dhaibh |
| Deagh bhuaidh | Chan eil an obair cho cruaidh air daoine air sgàth barrachd innealan |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Chan eil uiread de dh'obraichean ann oir tha tractaran a' ciallachadh barrachd cion-cosnaidh |
| Deagh bhuaidh | Leis gu bheil feum air barrachd cheimigich is innealan, chaidh gnìomhachasan agus obraichean ùra a chruthachadh, me meacanaigean airson tractaran a chàradh |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Tha e daor innealan a cheannach agus a chàradh. Gheibhear thairis air an seo le co-chomainn far a bheil tuathanaich a' roinn nan innealan eatarra |
| Deagh bhuaidh | Piseach air inbhe beòshlaint oir tha airgead aig cuid de thuathanaich airson bathar a cheannach |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Tha mòran de theaghlaichean bochda fhathast ann am fìor bhochdainn oir chan eil airgead aca airson teicneòlas ùr |