Atharrachaidhean san dealbh-tìre dhùthchail
Crìonadh-sluaigh
Tha crìonadh-sluaigh na dhuilgheadas mòr ann an sgìrean dùthchail oir chan eil uiread de dh'obraichean ann air sgàth barrachd innealan a bhith gan cleachdadh. Seach gur e àiteachas am prìomh ghnìomhachas ann an sgìrean dùthchail, feumaidh daoine fàgail airson a dhol a lorg obair. Mar thoradh air an sin, tha an sluagh nas sine (barrachd sheann daoine na òigridh) agus 's dòcha gum feum sgoiltean dùnadh air sgàth nach eil uiread de sgoilearan ann, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil barrachd obraichean gan call. Seach nach eil uiread de dh'airgead san sgìre, dh'fhaodadh gum biodh droch bhuaidh aig an sin air bùithtean agus air seirbheisean eile agus gum feum iadsan dùnadh cuideachd.
Barrachd is barrachd, tha mòran dhe na taighean ann an coimhearsnachdan dùthchail air an ceannach mar dhara dachaigh, no airson nan saor-làithean, le daoine a tha a' fuireach anns na bailtean. Tha sin a' ciallachadh gu bheil e doirbh do mhuinntir an àite, gu h-àraidh feadhainn a tha a' ceannach airson a' chiad turas, taighean a cheannach san sgìre aca fhèin agus uaireannan feumaidh iad gluasad air falbh. Tha sin a' toirt buaidh air seirbheisean oir chan eil na daoine dom buin na taighean a' fuireach annta a h-uile latha. Mar sin tha na taighean falamh agus chan eil seirbheisean air an cleachdadh.
Leagail challaidean
Airson achannan na bu mhotha a dhèanamh do dh'innealan mòra, chaidh na callaidean a bha a' sgaradh achannan a leagail. Bha deagh bhuaidh agus droch bhuaidh aig an sin:
| Deagh bhuaidh | Droch bhuaidh |
| Achannan nas motha a' ciallachadh barrachd rùm airson barrachd bàrr fhàs | Tha call challaidean a' ciallachadh call àrainn bheathaichean, agus tha sin a' ciallachadh call bith-iomadachd |
| Barrachd bàrr a' ciallachadh barrachd prothaid dhan tuathanach | Am fasgadh, a bha a' dìon a' bhàrr bhon ghaoith, ga chall le call nan callaidean |
| Innealan nas motha a' dèanamh obair nas luaithe agus nas èifeachdaiche | Droch bhuaidh air seallaidhean nàdarra |
| Bidh an tuathanach a' sàbhaladh airgead oir chan fheum e cosg air callaidean a chumail suas | Barrachd bleith ùire oir bidh freumhaichean na callaid a' ceangal na h-ùire agus ga cumail na h-àite |
| Deagh bhuaidh | Achannan nas motha a' ciallachadh barrachd rùm airson barrachd bàrr fhàs |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Tha call challaidean a' ciallachadh call àrainn bheathaichean, agus tha sin a' ciallachadh call bith-iomadachd |
| Deagh bhuaidh | Barrachd bàrr a' ciallachadh barrachd prothaid dhan tuathanach |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Am fasgadh, a bha a' dìon a' bhàrr bhon ghaoith, ga chall le call nan callaidean |
| Deagh bhuaidh | Innealan nas motha a' dèanamh obair nas luaithe agus nas èifeachdaiche |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Droch bhuaidh air seallaidhean nàdarra |
| Deagh bhuaidh | Bidh an tuathanach a' sàbhaladh airgead oir chan fheum e cosg air callaidean a chumail suas |
|---|---|
| Droch bhuaidh | Barrachd bleith ùire oir bidh freumhaichean na callaid a' ceangal na h-ùire agus ga cumail na h-àite |