Comann-sòisealta air a sgaradhCarthannas

Deireadh an 19mh linn, bha bochdainn ann ri linn cion obrach, tinneas is an aois. Cogadh nam Boer – doirbh fir a lorg a bha fiot. Bha aig an Riaghaltas Libearalach 1906 ri dèiligeadh ri bochdainn.

Part ofEachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

Carthannas

Bha daoine bochda a' faotainn airgead, ùine agus eòlas bho dhaoine agus bho bhuidhnean carthannach gus an cuideachadh a' dèiligeadh ri bochdainn. Bha a' mhòr-chuid dhe na buidhnean carthannais a' creidsinn ann an fèin-chuideachadh agus dhen bheachd gum bu chòir foghlam a thoirt do dhaoine bochda airson gum biodh am beatha nas fheàrr, agus airson piseach a thoirt orra fhèin cuideachd. Bheireadh na buidhnean carthannais dhaibh am 'foghlam' sin'. Bha mòran dhe na buidhnean carthannais co-cheangailte ri creideamh. Bha daoine carthannach gam faicinn fhèin mar fheadhainn a bha a' dèanamh 'obair Dhè' ann a bhith a' cuideachadh nam bochd.

Buidheann carthannaisCuideachadh
Thomas BarnardoDachaighean do dhilleachdain
Octavia HillNeach-seilbh le taighean matha
RSPCCCuideachadh do chlann is do dhilleachdain
Salvation ArmyColoinidhean obrach airson gun ionnsaicheadh daoine bochda sgilean beatha agus sgilean ùra
Buidheann carthannaisThomas Barnardo
CuideachadhDachaighean do dhilleachdain
Buidheann carthannaisOctavia Hill
CuideachadhNeach-seilbh le taighean matha
Buidheann carthannaisRSPCC
CuideachadhCuideachadh do chlann is do dhilleachdain
Buidheann carthannaisSalvation Army
CuideachadhColoinidhean obrach airson gun ionnsaicheadh daoine bochda sgilean beatha agus sgilean ùra