Dàimhean eadar in-imrichean Èireannach agus Albannaich
Fèin-aithne Albannach
Bha uallach air na h-Albannaich mun àireamh mhòr de dh'Èireannaich a bha a' tighinn a dh'Alba.
B' e Caitligich a bh' ann am mòran dhe na h-in-imrichean Èireannach, gu h-àraidh ro 1880. B' e dùthaich Phròstanach a bh' ann an Alba agus bha uallach air na h-Albannaich gun tilleadh Caitligeachd a dh'Alba. Bha Eaglais na h-Alba, pàipearan-naidheachd agus ceannardan poilitigeach a' feuchainn ri innse do mhuinntir Alba gun robh iad ann an cunnart am fèin-aithne agus an creideamh a chall.
Cosgaisean taic
Bha mòran Èireannach glè bhochd nuair a thàinig iad a dh'Alba agus cha robh airgead aca airson iad fhèin a chumail. Bha uallach air na h-Albannaich gun cosgadh na h-Èireannaich an t-airgead a bha ri fhaotainn fo Lagh nam Bochd agus gum biodh barrachd chìsean orrasan.
Obair
Bha mòran dhen bheachd gun robh na h-Èireannaich a' faighinn nan obraichean aca. Bha na h-Èireannaich deònach obrachadh airson pàigheadh na b' ìsle agus gun chùmhnantan-obrach cho math. Bha na h-Albannaich a' faireachdainn gun robh sin gan cur-san a-mach à obair. Nam feuchadh na h-Albannaich ri strì airson cùmhnantan-obrach na b' fheàrr, bha na h-Èireannaich air an toirt a-steach airson an stailc a bhriseadh.
Gnàth-ìomhaigh
Chaidh fhàgail air na h-Èireannaich gun do 'dh'ìslich iad inbhe moralta' Alba.
- Chaidh a' choire air na h-Èireannaich airson droch dhol a-mach. Bha cliù aig na nabhaidhean airson a bhith ri fòirneart.
- Bha gnàth-ìomhaigh ann gun robh na h-Èireannaich gun leughadh agus gun sgrìobhadh seach nach robh foghlam aca.
- Bha mòran dhuilgheadasan sòisealta sna sgìrean san robh na h-Èireannaich a' fuireach. Bha iad sin co-cheangailte ri bochdainn agus droch thaighean.
Bha na h-Albannaich a' faicinn choimhearsnachdan a bha làn fòirneirt agus giùlan mì-shòisealta. Bha na h-Albannaich a' cur na coire air na h-Èireannaich fhèin seach air an droch shuidheachadh sam b' fheudar dha na h-Èireannaich a bhith beò.
Fàilte
Air an làimh eile chuir mòran Albannach fàilte air na h-in-imrichean Èireannach.
- Glè thric phòs a' chiad in-imrichean daoine san sgìre agus dh'atharraich iad an sloinneadh gu rudeigin na b' Albannaiche.
- Bha luchd-fastaidh toilichte gun robh na h-Èireannaich a' tighinn oir bha feum air luchd-obrach làimhe agus luchd-obrach ann am factaraidhean.
- Bha na h-Èireannaich deònach uairean fada obrachadh air droch phàigheadh agus bha luchd-fastaidh a' cur fàilte orra.