In-imrich ann an Alba
Mar a bha atharrachadh a' ghnìomhachais a' dol air adhart agus bailteachadh a' dol am meud, bha feum air taighean ùra a thogail air sgàth 's gun robh barrachd luchd-obrach a' tighinn a-steach bhon dùthaich, à Èirinn, às an Eadailt agus bhon Roinn Eòrpa an Ear.
Glè thric, bha Èireannaich agus Iùdhaich a' seatlaigeadh faisg air a chèile. Bidh sin a' tachairt gu math tric le buidhnean in-imrich, gu h-àraidh mura bheil an dùthaich do bheil iad a' tighinn càirdeil ri in-imrich.
Carson a bha iad a' fuireach cho faisg air a chèile?
- Airson a bhith a' cuideachadh a chèile. Bha na h-Èireannaich agus na h-Iùdhaich a' cuideachadh a chèile le taigheadas agus obair.
- Bha cultar agus cànan air an robh iad eòlach a' cuideachadh in-imrichean gus an teaghlaichean a shuidheachadh agus bha iad taiceil dha chèile.
- B' e Gaeilge cànan dùthchail Èirinn. Bha mòran aig nach robh Beurla. Bhiodh iad a' fuireach còmhla chionn glè thric cha b' urrainn dhaibh bruidhinn ri duine eile.
- Bha Iùdhaich glè thric a' teiche bho fhòirneart agus bhiodh iad a' faireachdainn na bu shàbhailte ma bha àireamh mhòr dhiubh mun cuairt.
- Bha cultar Èirinn air a chomharrachadh gu mòr anns na coimhearsnachdan Èireannach. Bha sin a' gabhail a-steach òrain, dannsa, biadh agus sgeulachdan bhon dachaigh.