Friends
Read Caraidean. It's an example of a piece of writing created using a writing plan. If you need to, use the vocabulary list to help with unfamiliar words.
Caraidean
Tha mi fortanach gu bheil buidheann de cheathrar charaidean agam ach 's i Niamh Nic an t-Saoir an caraid as fheàrr a tha agam. Bidh sinn a' cur seachad mòran ùine còmhla a' dèanamh diofar rudan. Bidh mo mhàthair ag ràdh gu bheil sinn cho rèidh ri dà cheann eich.
Choinnich mi ri Niamh an toiseach nuair a bha sinn dìreach trì bliadhna a dh'aois. Bha sinn a' dol dhan sgoil-àraich còmhla. Bha sinn anns a' bhun-sgoil còmhla cuideachd ach an uair sin chaidh sinn gu diofar àrd-sgoiltean. Bha mi uabhasach brònach mun seo ach tha sinn nar caraidean fhathast. Tha Niamh a' fuireach san taigh mu choinneamh an taighe agamsa is mar sin, bidh mi ga faicinn cha mhòr a h-uile latha.
Bidh mi fhèin agus Niamh a' dèanamh mòran rudan còmhla. Bidh sinn a' dol gu club òigridh ann an talla a' bhaile gach feasgar Diardaoin. Bidh sinn a' coinneachadh ri ar caraidean eile ann an seo agus bidh sinn uile a' còmhradh, a' cluich gheamannan coimpiutair agus bidh tòrr fealla-dhà againn. Bidh sinn a' dol dhan taigh-dhealbh co-dhiù uair sa mhìos. Chaidh sinn ann a dh'fhaicinn Skyfall o chionn ghoirid – bha e sgoinneil! Tha mi fhìn agus Niamh gu math measail air James Bond (agus air Daniel Craig!). Chunnaic sinn Penguins of Madagascar cuideachd – tha Niamh caran gòrach agus tha i dèidheil air fiolmaichean chloinne! Disathairne seo tighinn, bidh sinn a' dol a-mach gu biadh ann an taigh-bìdh Sìonach sa bhaile. Gheibh sinn am bus bho cheann na sràid againn agus nuair a ruigeas sinn meadhan a' bhaile, coinnichidh sinn ri ar caraidean eile, Ealasaid agus Eilidh. 'S e peathraichean a th' annta agus tha iad cho coltach ri dà sgadan!
Tha Niamh beag agus caol, le falt fada dorcha agus sùilean gorma. Tha i cus nas lugha na mise ach tha am falt againn an aon fhaid. Tha Niamh sònraichte math air Spòrs agus bidh i a' cluich iomain agus ball-coise ann an sgiobaidhean na sgoile. Tha i cus nas luaithe air ruith agus snàmh na tha mise! Tha Niamh air leth èibhinn agus làn fealla-dhà – bidh mòran spòrs againn nuair a bhios sinn còmhla. Tha i uabhasach càirdeil, taiceil agus glè thuigseach. 'S e caraid dìleas a th' innte agus tha earbsa agam innte.
Tha caraidean air leth cudromach nar beatha – tha iad caran coltach ri teaghlach nach eil càirdeach dhut! Faodaidh tu rud sam bith innse do dheagh charaid. Tha nàdar socair, ciùin aig Niamh. Mar a thuirt mi, tha mi fortanach gu bheil deagh charaidean mar Niamh agam.