Claonadh àbhaisteachA' coimeas dàta

'S e tomhas de sgaoileadh dàta mun cuairt air luach meadhain a th' ann an claonadh àbhaisteach. Tha e air a chleachdadh ann a bhith a' tomhas cunbhalachd eadar diofar sheataichean-dàta.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean staitistigs

A' coimeas dàta

Bidh sinn tric a' cleachdadh a' chuibheas agus an claonadh àbhaisteach airson dà sheata-dàta a choimeas.

Eisimpleir

Tha Bob a' clàradh nan teòthachd làitheil gach latha dhen bliadhna.

Ann an 1998 chunnaic e gun robh an teòthachd bu mhotha, ann an \(⁰C\), air latha sa Mhàrt le cuibheas de \(7.8\) agus claonadh àbhaisteach de \(4.2\).

Ann an 2008 chunnaic e gun robh an teòthachd bu mhotha, ann an \(⁰C\), air latha sa Mhàrt le cuibheas de \(9.6\) agus claonadh àbhaisteach de \(1.5\).

Choimeas Bob an dàta agus:

  • bha an teòthachd làitheil, chuibheasach sa Mhàrt 2008 na bu bhlàithe na bha e sa Mhàrt 1998
  • bha na teòthachdan làitheil sa Mhàrt 2008, na bu chunbhalaiche na bha iad sa Mhàrt 1998.