Claonadh àbhaisteachNa foirmlean

'S e tomhas de sgaoileadh dàta mun cuairt air luach meadhain a th' ann an claonadh àbhaisteach. Tha e air a chleachdadh ann a bhith a' tomhas cunbhalachd eadar diofar sheataichean-dàta.

Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean staitistigs

Na foirmlean

Tha dà fhoirmle ann airson claonadh àbhaisteach (\(s\)).

\(s = \sqrt {\frac{{\sum {{{(X - \bar X)}^2}} }}{{n - 1}}}\) (far an e n meud an t-sampaill).

'S e an dara foirmle ath-rèiteachadh a dh'fhaodadh a dhèanamh nas fheàrr airson obrachadh a-mach.

\(s = \sqrt {\frac{{\sum {{X^2} - {{\frac{{(\sum {X)} }}{n}}^2}} }}{{n - 1}}}\) (far an e n meud an t-sampaill).

Faodaidh fear sam bith dhe na foirmlean a chleachdadh; bheir iad an aon fhreagairt dhut.

Tuilleadh mu fhoirmlean

Nuair a bhios tu a' coimeas nam foirmlean seo ri foirmlean claonadh àbhaisteach ann an leabhraichean no na d' àireamhair, 's dòcha gum faic thu \(n\) san t-seòrsaiche an àite \(n - 1\).

Nuair a bhios tu a' lorg claonadh àbhaisteach seata thomhasan, a tha dìreach nan sampall dhen t-seata iomlan de thomhasan, tha e ceart gu leòr \(n - 1\) a chleachdadh.

Nuair a tha fios aig luchd-staitistigs gu bheil iad ag obrachadh leis an t-seata iomlan no na h-àireamhan gu lèir, bidh iad a' cleachdadh \(n\) an àite \(n - 1\).

Cuimhnich gu bheil \(\sum\) a' ciallachadh 'sùim de' agus \({\bar X}\) an cuibheas.

Eisimpleir (Dòigh 1)

Lorg an cuibheas (mean) agus an claonadh àbhaisteach aig na h-àireamhan a leanas.

4, 7, 9, 11, 13, 15, 18

Freagairt

\(mean = \bar X = \frac{{(4 + 7 + 9 + 11 + 13 + 15 + 18)}}{7} = 11\)

Seo dà dhòigh air claonadh àbhaisteach (\(s\)) obrachadh a-mach, a' cleachdadh fhoirmlean.

1. A' cleachdadh \(s = \sqrt {\frac{{\sum {{{(X - \bar X)}^2}} }}{{n - 1}}}\)

\(X\)\({\bar X}\)\({(X - \bar X)^2}\)
4-749
7-416
9-24
1100
1324
15416
18749
\(\sum {(X - \bar X)^2} = 138\)
\(X\)4
\({\bar X}\)-7
\({(X - \bar X)^2}\)49
\(X\)7
\({\bar X}\)-4
\({(X - \bar X)^2}\)16
\(X\)9
\({\bar X}\)-2
\({(X - \bar X)^2}\)4
\(X\)11
\({\bar X}\)0
\({(X - \bar X)^2}\)0
\(X\)13
\({\bar X}\)2
\({(X - \bar X)^2}\)4
\(X\)15
\({\bar X}\)4
\({(X - \bar X)^2}\)16
\(X\)18
\({\bar X}\)7
\({(X - \bar X)^2}\)49
\(X\)
\({\bar X}\)
\({(X - \bar X)^2}\)\(\sum {(X - \bar X)^2} = 138\)

\(s = \sqrt {\frac{138}{6}} = 4.796\,(gu\,3\,id.)\)

Ma tha duilgheadas agad leis a' chlàr, seo mar a tha e ag obrachadh:

  • tha liosta dhe na h-àireamhan sa chiad cholbh
  • tha an dara colbh a' lorg an diofair eadar gach àireamh agus an cuibheas
  • tha an treas colbh a' ceàrnagachadh nan diofaran sin. Tha sin a' dèanamh nan àireamhan uile dearbhte

's e an ath cheum an cur-ris agus an roinn le sia (aon nas lugha na na th' ann de dh'àireamhan)

'S e an ceum mu dheireadh am freumh ceàrnagach a lorg.

Eisimpleir (Dòigh 2)

Lorg an cuibheas agus an claonadh àbhaisteach aig na h-àireamhan a leanas..

4, 7, 9, 11, 13, 15, 18

Freagairt

\(mean = \bar X = \frac{{(4 + 7 + 9 + 11 + 13 + 15 + 18)}}{7} = 11\)

A' cleachdadh an fhoirmle \(s = \sqrt {\frac{{\sum {{X^2} - {{\frac{{(\sum {X)} }}{n}}^2}} }}{{n - 1}}}\)

\(X\)\(X^{2}\)
416
749
981
11121
13169
15225
18324
\(\sum {{X^2}} = 985\)
\(X\)4
\(X^{2}\)16
\(X\)7
\(X^{2}\)49
\(X\)9
\(X^{2}\)81
\(X\)11
\(X^{2}\)121
\(X\)13
\(X^{2}\)169
\(X\)15
\(X^{2}\)225
\(X\)18
\(X^{2}\)324
\(X\)
\(X^{2}\)\(\sum {{X^2}} = 985\)

\(s = \sqrt {\frac{{985 - \frac{{{{77}^2}}}{7}}}{6}} = \sqrt {\frac{{985 - 847}}{6}}\)

\(s = \sqrt {\frac{{138}}{6}} = 4.796\)

Mar sin 's e an claonadh àbhaisteach \(s = 4.796\), a' cleachdadh foirmle sam bith.