Cuairt-thomhas agus farsaingeachd le airgead
Uaireannan 's dòcha gum bi ceistean air cuairt-thomhas agus farsaingeachd an lùib earrainnean eile dhen chùrsa leithid manaidseadh airgead. Ma bhitheas, bidh agad cuideachd ri cosgais obrachadh a-mach.
Question
Tha tomhasan \(18.6\,m\) agus \(11.8\,m\) ann an gàrradh air a bheil cumadh ceart-cheàrnaich.
Chomharraich an gàirnealair dà thrastan agus chuir e sìol ann an aon dhe na ceithir triantain a chruthaich na trastain.
Tha a' phacaid sìl a' moladh \(30\,g\) de shìol airson gach meatair ceàrnagach.
Tha \(600\,g\) sìl anns gach pacaid agus tha i a' cosg \(\pounds6.19\).
Dè phàigheas an gàirnealair airson na dh'fheumas e de phacaidean airson an sìol a chur?
Mar a rinn sinn san eisimpleir roimhe, obraichidh sinn a-mach farsaingeachd aon triantain.
Farsaingeachd an triantain \(=54.87\,m^{2}\)
Cuideam sìl air a mholadh \(=54.87\,\times\,30 = 1646.1\,g\)
Tha \(600\,g\) sìl anns gach pacaid, agus mar sin, feumaidh an gàirnealair 3 pacaidean.
Cosgais \(=3\,\times\,6.19\,=\pounds18.57 \)
Question
Tha cumadh leth-chearcaill air an uinneig aig mullach an dorais.
Tha an doras \(1.2\,m\) a leud.
Tha a' ghlainne san doras briste agus tha feum air glainne ùr.
Tha a' ghlainne ùr a' cosg \(\pounds15.60\) gach meatair ceàrnagach, agus a bharrachd air a sin tha e a' cosg \(\pounds53\) a' ghlainne a chur dhan doras.
Dè chosgas e a' ghlainne a chàradh?
Mar a rinn sinn san eisimpleir roimhe, obraichidh sinn a-mach farsaingeachd an leth-chearcaill.
Farsaingeachd cearcaill \( =\pi r^{2}\)
\(=3.14\,\times0.6\,\times0.6\)
\(=1.1304\,m^{2}\)
Farsaingeachd leth-chearcaill \(=\,0.57\,m^{2}\,\,(gu\,\,2\,\,ionad\,\,deicheach)\)
Cosgais na glainne \(=0.57\,\times\,15.60=\pounds8.89\)
Cosgais càraidh \(=8.89\,+53=\pounds61.89\)