Bidh ceistean a tha rim fuasgladh mu chuairt-thomhas agus mu fharsaingeachd aig an ìre seo a' gabhail a-steach obrachadh co-cheangailte ri cearcall no pàirt de chearcall.
Question
Tha cumadh leth-chearcaill air an uinneig aig mullach dorais.
Tha \(0.8\,m\) a leud san doras.
Ma bhriseas a' ghlainne san uinneig, dè an fharsaingeachd de ghlainne a dh'fheumar airson ùinneag ùr?
Tha fios againn gur e leth-chearcall a tha san uinneig.
Ma nì sinn sgeidse bheag dhen chumadh gu lèir, cuidichidh e sinn.
Tha leud an dorais an aon rud ri trast-thomhas (\(d\)) an leth-chearcaill. Mar sin faodaidh sinn leth dhen astar seo a chleachdadh mar an radius.