Glinn air chumadh U agus am feartan
Feartan eigheachail – glinn air chumadh U agus sporan geàrrte
Glinn air chumadh U

Bidh eigh-shruthan a' gearradh ghlinn shònraichte air chumadh U, no lagan le ùrlar còmhnard agus taobhan casa. Le bhith a' spìonadh agus a' sgrìobadh, bidh an t-eigh-shruth a' dèanamh srathan-aibhne air chumadh V nas leatha, nas caise, nas doimhne agus nas caoine agus a' toirt cumadh U orra. Tha an deigh a' gearradh dheth nan sporan co-naisgte san t-srath-aibhne chumhang air chumadh V agus a' cruthachadh sporan sàbhte. An dèidh eigheachadh, faodaidh uaireannan sruth/abhainn neo-chuimseach no loch riobain a bhith air ùrlar gleann air chumadh U.
Feartan-tìre air ùrlar glinne
Lochan riobain agus sruthan/aibhnichean neo-chuimseach
'S e loch mhòr, chumhang air ùrlar glinne air chumadh U a th' ann an loch riobain. Bidh i air a cruthachadh ann an lag nuair a bhios eigh-shruth air barrachd bleith a dhèanamh air creag nach eil cho làidir, no faodaidh gun lìon i gleann air cùl balla moirèan air taobh eile a' ghlinne.
Bidh sruthan/aibhnichean neo-chuimseach a' lùbadh tro ùrlar leathann, còmhnard air chumadh U. Cha do bhleith iad an gleann oir chaidh an cruthachadh sa ghleann an dèidh eigheachadh a bhith air an gleann nas motha air chumadh U a chruthachadh.