Àrd-thalamh eighichteCruthachadh feartan àrd-thalamh eighichte

Tha coireachan, stùcan pioramaideach is glinn air chumadh u gan cruthachadh ri linn eigheachadh. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar chleachdaidhean-fearainn; feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrd-thalamh eighichte

Cruthachadh feartan àrd-thalamh eighichte

Pròiseasan bleith a' cruthachadh choireachan, arêtes agus stùcan pioramaideach

Coireachan

Coire ga chruthachadh
Figure caption,
Coire ga chruthachadh

'S e lag air chumadh sèithear mòr a th' ann an coire agus bidh e shuas àrd air beinn le ballachan-cùil is cliathaichean cas. Bidh sneachd a' cruinneachadh ann an lagan beinne, gu h-àraidh ann an lagan a tha a' coimhead gu tuath, far a bheil barrachd dubhair. Bidh an sneachd a' sìor chruinneachadh agus a' dol na dheigh. Tha grabhataidh a' ciallachadh gum bi an deigh a' gluasad sìos a' bheinn.

Nuair a bhios i a' gluasad, bidh an deigh a' steigeadh ris na ballachan-cùil agus a' spìonadh creag far an uachdair. Bidh obair reothadh is aiteamh cuideachd a' fuasgladh chreagan air na ballachan-cùil. Tòisichidh beàrn a' fosgladh eadar am balla agus an deigh, agus canar bergschrund ris an sin. Nuair a bhios deigh a' gluasad còmhla ri creagan, bidh i ag obrachadh coltach ri pàipear-gainmhich. Bidh an sgrìobadh sin a' toirt air an lag fàs nas doimhne. Bidh a' chuid as motha dhen bhleith a' tachairt far a bheil an deigh nas truime. Bidh clachan a tha reòta san deigh a' bleith no a' sgrìobadh bonn a' choire agus ga dhèanamh nas doimhne.

Bidh deigh ann an coire a' dèanamh cuairt-ghluasad. Tha sin a' ciallachadh nach bi aghaidh a' choire a' bleith uiread agus bidh bile air a cruthachadh. Bidh an t-eigh-shruth a' dol air ais agus a' leaghadh, agus glè thric fàgaidh e lochan/loch coire ann am bonn a' choire.