Figearan co-choltach
Coimhead air na figearan co-choltach seo:
Tha B na mheudachadh de A. Tha na faidean air an dùblachadh, ach dh'fhuirich na ceàrnan mar a bha iad.
Cuimhnich: Ann am paidhir sam bith de dh'fhigearan co-choltach, tha taobhan co-fhreagarrach san aon cho-mheas agus tha ceàrnan co-fhreagarrach co-ionann.
Factar-sgèile loidhneach
Tha meud meudachaidh/lùghdachaidh air a mhìneachadh leis an fhactar sgèile aige.
Mar eisimpleir, tha factar sgèileAn àireamh thursan nas motha no nas lugha a bhios cumadh meudaichte. a' ciallachadh gu bheil meud a' chumaidh ùir a dhà uiread ri meud a' chumaidh a bh' ann bho thùs. Tha factar sgèile de 3 a' ciallachadh gu bheil meud a' chumaidh ùir a thrì uiread ri meud a' chumaidh a bh' ann bho thùs.
Gus am factar sgèile obrachadh a-mach, bidh sinn a' cleachdadh na leanas:
\(F{S_{\text{Meudachaidh}}} = \frac{{\text{Mòr}}}{{\text{Beag}}}\)
\(F{S_{\text{Lùghdachaidh}}} = \frac{{\text{Beag}}}{{\text{Mòr}}}\)
Gheibh thu am 'mòr' agus am 'beag' bho na taobhan co-fhreagarrach air na figearan.
Eisimpleir
Tha na ceart-cheàrnaich pqrs agus PQRS co-choltach. Dè an fhaid a th' ann am PS?
Freagairt
Tha PS air a' cheart-cheàrnach as motha, agus mar sin bidh sinn ag obrachadh a-mach factar sgèile meudachaidh an toiseach.
\(F{S_{\text{Meudachaidh}}} = \frac{{\text{Mòr}}}{{\text{Beag}}} = \frac{7}{4}\)
Mar sin tha an ceart-cheàrnach \(\frac{7}{4}\) turas nas motha na an ceart-cheàrnach pqrs.
Mar sin, \(PS = \frac{7}{4} \times 9 = 15.75\,cm\)
(Faodaidh tu 7 ÷ 4 × 9 a thaidhpeadh san àireamhair agad)
Question
'S e cumaidhean co-choltach a th' ann an wxyz agus WXYZ. Dè an fhaid a th' ann an XY?
Tha XY air a' chumadh as motha, agus mar sin bidh sinn ag obrachadh a-mach an fhactar-sgèile meudachaidh.
\(F{S_{\text{Meudachaidh}}} = \frac{{\text{Mòr}}}{{\text{Beag}}} = \frac{9}{8}\)
Mar sin tha am figear WXYZ \(\frac{9}{8}\) turas nas motha na am figear wxyz.
Mar sin, \(XY = \frac{9}{8} \times 4 = 4.5\,cm\)
Question
Dè am meud a tha sa cheàrn WXY?
Cuimhnich gum bi na ceàrnan ann an cumaidhean co-choltach a' fuireach mar a tha iad, agus mar sin tha WXY 57°.
Question
Tha 8 cm agus 6 cm ann an taobhan ceart-cheàrnaich.
Ma thèid an ceart-cheàrnach a mheudachadh le factar sgèile \(\frac{3}{2}\) dè an fhaid ùr a bhios sna taobhan?
\(\frac{3}{2} \times 8 = 12\,cm\)
\(\frac{3}{2} \times 6 = 9\,cm\)
Bidh 12 cm agus 9 cm sna faidean ùra.
Question
Tha 20 cm agus 28 cm ann an taobhan ceart-cheàrnaich.
Ma thèid an ceart-cheàrnach a mheudachadh le factar sgèile \(\frac{3}{4}\) dè an fhaid ùr a bhios sna taobhan?
\(\frac{3}{4} \times 20 = 15\,cm\)
\(\frac{3}{4} \times 28 = 21\,cm\)
Bidh 15 cm agus 21 cm sna faidean ùra.