Co-obrachadh eadar na mòr-chumhachdan aig àm an détente
Bha cuid mhath de cho-obrachadh agus de dheòin-bhàidh eadar na mòr-chumhachdan aig àm an détente.
1972 - Thadhail an Ceann-suidhe Nixon air Moscow
B' e seo a' chiad turas a bha Ceann-suidhe às na SA san USSR bho 1945. Choinnich Nixon ri Brezhnev, Ceannard an USSR.
1973 - Thadhail Brezhnev air Washington
Chuir iad cuideam air cho deònach 's a bha an dà thaobh obrachadh còmhla.
1974 - Thadhail an Ceann-suidhe Nixon air Moscow
Cha do thachair càil, ach nochd iad gun robh iad fhathast taiceil.
1975 - Pròiseact Deuchainn Apollo-Soyuz
Co-itealadh dhan fhànas le speuradairean Sòbhieteach agus Ameireaganach.

1970s - Malairt a' dol am meud
Bha duilgheadasan san eaconamaidh Shòbhieteach agus bha aca ri coimhead ri tasgadh agus compàirtichean cèin. Bha an USSR air a nàrachadh agus aice ri luchdan de ghràn a ghabhail bho na SA.
Carson a chrìochnaich détente?
Na Sòbhietich a' toirt ionnsaigh air Afganastan (1979)

Thug an USSR ionnsaigh leis an leisgeul gun robh an riaghaltas ùr comannach ag iarraidh cuideachadh. Bhris sin na h-aontan a bh' ann air leudachadh comannach.
Ronald Reagan ga thaghadh mar Cheann-suidhe nan SA
Cha robh earbsa aig Reagan ann am Brezhnev agus bha e dhen bheachd gun robh an USSR a' dèanamh mì-fheum dhen détente gus cumhachd agus buaidh nan Sòbhieteach a chur am meud. Bha e airson cumhachd agus cliù nan SA a chur am meud agus bha e airson gur i an dùthaich bu làidire a bhiodh air an t-saoghal.
Ann an 1983, rinn Reagan òraid san tuirt e gur e "ìmpireachd olc" a bha san USSR. Cha deach na SA gu na h-Oilimpigs ann am Moscow ann an 1980.
Buill-airm niùclasach fhathast a' dol am meud
Ann an 1979, chuir NATO urchraichean fad-astarach dhan Roinn Eòrpa, a' bagairt air an USSR. Ann an 1983, thuirt Reagan gun robh e a' stèidheachadh Iomairt Dìon Ro-innleachdail (SDI: Strategic Defence Initiative). Bha an USSR a' smaoineachadh gun robh na SA a' coimhead airson comas na 'Ciad Bhuille'.
Poileasaidh Cèin nan Sòbhieteach