Oidhirpean air détente
A' feuchainn ri leudachadh bhall-airm niùclasach a chuingealachadh
Nuair a bhios buill-airm niùclasach a' dol am meud, bidh barrachd bhall-airm niùclasach aig dùthaich, no bidh comasan niùclasach a' sgaoileadh gu dùthchannan gun bhall-airm niùclasach.
Bha eagal ann gum faigheadh riaghaltasan 'cronail' grèim air buill-airm niùclasach agus bhiodh buaidh uabhasach aig an sin air a h-uile duine. Bha gach taobh gam faicinn fhèin 'ciallach' ach mar bu mhotha a dhùthchannan le comas niùclasach 's ann bu lugha a bha de smachd aig na mòr-chumhachdan air cùisean. Chaidh corra aonta phoilitigeach a dhèanamh aig àm an détente.
1963 - Cùmhnant Casg Dheuchainnean Niùclasach
- Air a shoidhnigeadh leis an USSR, na SA agus an RA.
- Chaidh deuchainnean air buill-airm niùclasach a chasg air an talamh agus san àile.
- Cha deach deuchainnean fon talamh a chasg.
1967 - Cùmhnant Fànais
- Air a shoidhnigeadh leis an USSR, na SA agus an RA.
- Chaidh deuchainnean air buill-airm niùclasach a chasg air a' ghealaich agus anns an fhànas.
- Bha sìth ri bhith anns an fhànas agus dh'fhaodadh a h-uile dùthaich rannsachadh a dhèanamh ann.
1968 - Cùmhnant Neo-leudachaidh Niùclasach
- Aonta eadar gach dùthaich a shoidhnig e stad, no cuingealachadh a chur air comas niùclasach bho sgaoileadh a dhùthchannan aig nach robh comas niùclasach.
- B' e na còig dùthchannan niùclasach a bha aithnichte na SA, an USSR, an RA, Sìona agus an Fhraing.
1971 - Cùmhnant Grunnd na Mara
- Air a shoidhnigeadh leis an USSR, na SA agus an RA.
- Chaidh casg a chur air buill-airm niùclasach an àite sam bith air grunnd na mara.
1972 - SALT I
- Air a shoidhnigeadh le Nixon agus Brezhnev ann an 1972.
- B' e seo a' chiad aonta fon do chuingealaich an dà mhòr-chumhachd an àireamh de bhuill-airm niùclasach a dh'fhaodaist a thoirt gu bith.
- Ach bha an àireamh fhathast a' dol am meud oir bha an àireamh cuingealachaidh cho mòr, agus cha robh smachd gu bhith ach air seòrsachan àraidh de bhuill-airm.
1975 - Aonta Helsinki
Trì 'basgaidean' aonta:
- Dh'aontaich an dà thaobh crìochan dhùthchannan Eòrpach aithneachadh.
- Dh'aontaich an dà thaobh spèis a thoirt do chòraichean daonna agus do shaorsa nan dùthchannan fhèin.
- Dh'aontaich an dà thaobh cuideachadh a thoirt dha chèile a thaobh na h-eaconamaidh agus teicneòlas.
1979 - SALT II
- Bha aonta ann mu dheidhinn a bhith a' cuingealachadh dèanamh bhall-airm fad-astarach.
- Ach cha robh na h-aontan sin gu mòran feum. Thug an t-Aonadh Sòbhieteach ionnsaigh air Afganastan ann an 1979 agus thòisich an Cogadh Fuar a' beothachadh a-rithist.