Tomhas-lìonaidh priosam
'S e teann-chruth le tar-dhealbhCumadh, no uachdar, air a shealltainn mar thoradh air gearradh troimhe na dhà leth, gus am faic sinn an taobh a-staigh. cunbhalach a th' ann am priosam. Tha sin a' ciallachadh gum bi an tar-dhealbh an aon rud na mheud is na chumadh (co-chòrdach) ge bith càit an geàrr thu e air fhaid.
Tha siolanadair na dheagh eisimpleir de phriosam agus chì thu bhon dealbh gu h-àrd gu bheil meud a' chearcaill san aodann aghaidh (an tar-dhealbh) an aon rud ge bith càit an geàrr thu e.
\(V = Ah\)
Question
Obraich a-mach tomhas-lìonaidh a' phriosam.
\(V = Ah\)
\(= 54 \times 12\)
\(= 64\,c{m^3}\)
Question
Obraich a-mach tomhas-lìonaidh a' phriosam.
'S e priosam triantanach a tha sa chumadh seo. Mar sin tha farsaingeachd an tar-dheilbh co-ionann ri farsaingeachd triantain.
Farsaingeachd triantain:
\(A = \frac{1}{2}bh\)
\(= \frac{1}{2} \times 6 \times 4\)
\(= 12\,c{m^2}\)
Tomhas-lìonaidh priosam:
\(V = Ah\)
\(= 12 \times 12\)
\(= 144\,c{m^3}\)
Tomhas-lìonaidh siolandair
Tha sinn a' faighinn tomhas-lìonaidh siolandair (priosam cearcallach) bho thomhas-lìonaidh priosam far an e \(r\) an radius agus \(h\) an àirde/an fhaid.
\(V = Ah\)
Bhon a tha farsaingeachd cearcaill \(= \pi {r^2}\), 's e am foirmle airson tomhas-lìonaidh siolandair:
\(V = \pi {r^2}h\)
Question
Obraich a-mach tomhas-lìonaidh an t-siolandair seo.
Thoir do fhreagairt ceart gu 1 figear brìgheil'S e dòigh eile air cruinneachadh, àireamh a thoirt gu àireamh chomharraichte de fhigearan brìgheil. me, san àireamh 7483, 's e 7 an àireamh as brìgheile, no as cudromaiche, oir 's e 7000 an luach aice. Gus 7483 a thoirt gu aon fhigear brìgheil (1 fb), 's e 7000 a bhiodh ann. Gu 2fb 's e 7500 a bhiodh ann..
\(V = \pi {r^2}h\)
\(= \pi \times {4^2} \times 10\)
\(= 502.654...\)
\(= 500\,c{m^3}\,(gu\,1\,fb.)\)